Ailean Savage air ais aig stiùir Chaley Thistle

- Air fhoillseachadh
Dh'innis Caley Thistle gu bheil Ailean Savage air tilleadh gus smachd a ghabhail air a' chluba is gu bheil Scot Gardiner air ICT fhàgail.
Chaidh dearbhadh cuideachd gu bheil iad air còmhraidhean leis a' bhuidhinn Seventy7 Ventures a thoirt gu ceann aig an ìre seo.
Bha ICT air innse roimhe gun gabhadh a' bhuidheann sin smachd air a' chluba.
Tha connspaid is mì-chinnt air a bhith a' cuairteachadh Chaley Thistle fad mhìosan is bha ceistean gu leòr ann mun aonta a bha san amharc le Seventy7 Ventures.
Bha fathannan ann tron là Dimàirt gun robh car ùr a' tighinn is 's e sin a tha a-nise air tachairt
Cead do stuth X?
Tha stuth bho X an lùib an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig X mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.
Bha Ailean Savage, fear-gnothaich air a bheil mòran aig tuath eòlach tron obair aige aig an Orion Group, roimhe na chathraiche air ICT.
Bha e air leigeil fhaicinn nach obraicheadh e le Scot Gardiner, an CEO connspaideach aig a' chluba.
Anns a' bhrath ùr Dimàirt, dh'innis an cluba gu bheil Savage air tilleadh gus Inbhir Nis a chur air ais air bun-stèidh ionmhais sheasmhach.
Thuirt iad gum bi Savage os cionn ath-sgrùdaidh air mar a tha an cluba air a ruith le Gardiner a' fàgail sa bhad.
Tha am brath cuideachd ag ràdh gum bi Savage is am bòrd ag amas air an ceangal eadar an cluba is a' choimhearsnachd ath-bheòthachadh is gu bheil iad den bheachd gum bi seo air leth cudromach.
Agallamh le Eardsaidh MacIlleathain a tha a' leantainn Chaley Thistle.
Dh'innis iad gu bheil iad a' sireadh taice bho ghnothachasan ionadail san ùine ghoirid gus an cluba a chuideachadh fhad 's a tha iad ag obair air plana seasmhach.
Tha iad cuideachd ag obair leis a' bhuidhinn GRM Marketing feuch dòighean eile fhaighinn air airgead a bharrachd a thoirt a-steach.
Dh'iarr an cluba air a' choimhearsnachd san fharsaingeachd taic a chur ris an sgioba is "a' bhun-stèidh ùr a thathar a' stèidheachadh".
Tha luchd-taic mar-tha air fàilte a chur air an naidheachd is mòran air ceistean mòra a thogail mu shuidheachadh Scot Gardiner agus an t-aonta a bha san amharc le Seventy7 Ventures.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain thuirt fear den luchd-taic sin, Eardsaidh MacIlleathain, gu bheil obair mhòr ro Ailean Savage ach gur e deagh naidheachd a th' ann dhan chluba.