Iasgairean a' togail dragh mu thruailleadh aibhne

Abhainn GhrìodaTùs an deilbh, Geograph/John Haynes
  • Air fhoillseachadh

Tha Comann Iasgairean-slaite Steòrnabhaigh (SAA) air dragh a nochdadh mu thruailleadh a thachair ann an Abhainn Ghrìoda aig deireadh na bliadhna an-uiridh.

Tha iad ag ràdh gur a bu choireach an obair rannsachaidh air an talamh faisg air an abhainn far a bheil a' chompanaidh cumhachd SSEN airson Fo-stèisean Dealain HVDC a thogail.

Tha an SAA ag ràdh gun do dh'adhbharaich an cladhach le carbadan troma air a' mhòintich gun robh poll a' sruthadh a-steach dhan abhainn.

Ghairm Buidheann Àrainneachd na h-Alba (SEPA) tachartas truaillidh air an 20mh den Dùbhlachd os cionn dàim air an abhainn.

Bagaichan morghain Tùs an deilbh, SAA
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh fheuchainn ri stad a chur air an uisge shalach bho bhith a' dol a-steach dhan abhainn

Chaidh aontachadh gum bu chòir stad a chur air an obair gus an gabhadh smachd a chur air an t-sruth de pholl.

Tha dragh air na h-iasgairean-slaite mun chron a dh'fhaodadh bùrn làn eabair a dhèanamh air uighean bhradan agus bhreac a bh' air an cur o chionn ghoirid.

Bha luchd-obrach SSEN air bagaichean làn mhorghain agus bacaidhean lìn a chur an sàs airson am poll a chumail bho bhith a' stealladh a-steach dhan abhainn.

Thuirt an SAA, buidheann le 200 ball, ge-tà gun robh sin cho feumail ri "chocolate fireguard", gu h-àraid an dèidh an uisge mhòir a bh' air a bhith ann.

ClaiseanTùs an deilbh, SAA
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh claisean a chladhach airson 's gun ruitheadh am bùrn làn eabair dhan fheur seach dhan abhainn

Thuirt neach-labhairt SSEN: "Fhuair sinn fios air an 20mh den Dùbhlachd gun robh bùrn salach a' ruith sìos bho àite-paircidh ri taobh cairidh air Abhainn Ghrìoda.

"Bha sinn air sguir a dh'obair ann airson na Nollaige ach dh'iarr sinn air na fo-chùmhnantaichean againn a dhol ann agus ceumannan a ghabhail airson stad a chur air a' chòrr bhùrn salach bho bhith a' ruighinn na h-aibhne.

"Chaidh sùil a chumail gu cunbhalach air na chaidh a chur an sàs tro na saor-làithean, agus cha d' fhuair sinn aithrisean gun robh an còrr thrioblaidean ann.

Uisge salach a' ruith bho àite-paircidhTùs an deilbh, SAA
Fo-thiotal an deilbh,

Bùrn eabarach a' ruith bho àite paircidh

Tha cliù aig Abhainn Ghrìoda airson iasgach a' bhradain agus a' bhric le clàraidhean a' dol cho fada air ais ri 1871.

Tha dragh air an SAA gum faodadh gun deach na mìltean de dh'uighean bhradan - gnè a tha ann an cunnart a dhol à bith - a chall.

Thuirt SSEN: "Tha fios againn gu bheil dragh ann mu na h-àitichean far am bi am bradan ag àlachadh, agus nì sinn nas urrainn dhuinn airson dèanamh cinnteach nach bi buaidh aig an obair againn air na h-àitichean cudromach sin.

"Tha sinn ag obair gu dlùth le riochdairean SEPA, Urras Iasgaich nan Eilean Siar agus Comann Iasgairean-slaite Steòrnabhaigh airson fios a chumail riutha mun obair againn, agus tha dùil againn coinneachadh riutha an t-seachdain seo fhathast."

Mapa de làrach fo-stèisein SSENTùs an deilbh, SSEN

Tha am fo-stèisean dealain ùr - anns am biodh 600 meatair de dh'fhaid agus 300 meatair de leud - mar phàirt de na leasachaidhean a tha gu bhith a dhìth airson dealan bho chrainn-gaoithe aig muir agus air tìr a chur gu tìr-mòr tro chàbal-mhara.

Bha SSEN am beachd an toiseach gur ann aig Àranais a bhiodh am fo-stèisean, agus tha mì-thoileachas mòr ann mun làraich a tha iad a-nis a' moladh.

Tha i mòran nas fhaisge air taighean dhaoine, Abhainn Ghrìoda agus làrach eachdraidheil.

Tha Comann Coimhearsnachd Marybank is Maryill, cho math ri Comann Iasgairean-slàite Steòrnabhaigh agus Comann Eachraidh Steòrnabhaigh a' cur na aghaidh.