Planaichean fo-stèisean a' dol fa chomhair chomhairlichean

- Air fhoillseachadh
Cluinnidh comhairlichean mu phlanaichean SSEN fo-stèisean ùr a thogail air iomall Steòrnabhaigh Dimàirt.
Bidh riochdairean na companaidh cumhachd sa bhaile airson innse dhaibh na tha san amharc aca airson goireas a bhios a dhìth airson dèiligeadh ri na thèid a chruthachadh de dhealan ath-nuadhachail san sgìre.
Ach tha daoine a bhios faisg air an leasachadh ag ràdh gun dèan iad strì na aghaidh.
Airson ùine mhòr, bha am fo-stèisean ùr gu bhith aig Àranais, ach bidh mòran a bharrachd dealain air a chruthachadh an cois nan ceadan a th' ann airson sgeamaichean ath-nuadhachail air tìr agus aig muir.
Feumar a-nis fear nas motha agus nas goireasaiche agus, mar sin, tha SSEN a' moladh fo-stèisean air iomall Maryhill agus Marybank - anns am biodh 600 meatair de dh'fhaid agus 300 meatair de leud.
Tha Comann Coimhearsnachd an dà bhaile ag ràdh gum bi sin ro mhòr agus ro fhaisge ge-tà, agus tha dragh orra cuideachd mun fhuaim.
Bidh riochdairean SSEN ann an Steòrnabhagh a' taisbeanadh an cuid phlanaichean do chomhairlichean.
Thuirt iad gu bheil iad airson co-obrachadh leis a' choimhearsnachd.
Cha tòisich an conaltradh poblach air an leasachadh gu an ath-bhliadhna, ach gheall an luchd-còmhnaidh iomairt làidir a dhèanamh na aghaidh.