Àrd-sgoil ùr air fàire do Mhuile

Àrd-sgoil Thobar Mhoire
  • Air fhoillseachadh

Dh’aontaich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a dhol air adhart le àrd-sgoil ùr ann am Muile.

Thèid cùis ghnothachais ullachadh agus tòisichidh conaltradh leis a’ choimhearsnachd.

Chaidh a ràdh aig a’ choinneimh gur e seo am pròiseact as motha a rinn a’ Chomhairle riamh.

Chaidh innse cuideachd gum faodadh gum feum iad suas ri 80% de na cosgaisean de mu £100m a ghliùlain iad fhèin.

Bha connspaid ann nas tràithe am-bliadhna le moladh gum bu chòir Àrd-sgoil Thobar Mhoire a sgeadachadh seach sgoil ùr a thogail.

Chaidh an co-dhùnadh a chur dheth aig an àm is mì-thoileachas mòr ann mu dhèidhinn.