Chaidh tèine an taigh an Inbhir Nis a chur thuige a dh'aona-ghnothach

Thòisich an teine ann an taigh air Slighe Cheasaig Là na Sàbaid
- Air fhoillseachadh
Thòisich sgrùdadh an dèidh do na poilis dearbhadh gun deach taigh a chur na theine ann an Inbhir Nis a dh'aona-ghnothach air an deireadh-sheachdain.
Thòisich an teine mu 11:40f. oidhche na Sàbaid aig taigh air Slighe Cheasaig.
Thuirt na poilis gun do chuir luchd-smàlaidh an teine às agus nach deach duine a ghoirteachadh.
Thuirt neach-labhairt Poileas Alba gun robh iad a' dèiligeadh ris mar theine a chuireadh thuige a dh'aona-ghnothach agus gun robh an sgrùdadh aca a' leantainn.
Thuirt an Det. Con. Ryan Stanley: "Gu fortanach cha deach duine a ghoirteachadh mar thoradh air a' ghnìomh neo-chùramach seo.
"Tha mi ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh a dh'fhaodadh ar cuideachd a thighinn a bhruidhinn rinn, taobh a-muigh."