Soirbheachas suas leis na deuchainnean

- Air fhoillseachadh
Dh'èirich ìrean soirbheachais anns na deuchainnean beagan an coimeas ri an-uiridh is òigridh a' faighinn a-mach bho an-diugh dè mar a chaidh dhaibh.
Gheibh còrr air 147,000 na builean aca airson deuchainnean Nàiseanta, Àrd-Ìre agus Àrd-Ìre Adhartach, ach tha beagan maill air fiosan tron phost ann an cuid de choimhearsnachdan eileanach aig Stoirm Floris.
Bha an àireamh de sgoilearan a fhuair A, B no C anns na deuchainnean suas agus thuirt an SQA gu bheil a' bheàrn ann an soirbheachas a rèir beartais nas lugha a-nis.
Air a' Ghàidhealtachd, bha soirbheachas suas anns a' chumantas - ach chaidh an ìre a fhuair A, B no C ann an Beurla aig Àrd-Ìre sìos beagan.
Thuirt UCAS gu bheil an àireamh de dh'àiteachan aig oilthighean is colaistean a chaidh a thabhainn air òigridh na h-Alba aig an ìre as àirde a-riamh.
Gheibh sgoilearan comhairle bhon SQA air 0345 279 1000 agus bho Leasachadh Sgilean na h-Alba air 0808 100 8000.