"Aonta am prionnsabal" gus Oighreachd nam Bàgh a cheannach

- Air fhoillseachadh
Thuirt Buidheann Coimhearsnachd Oighreachd nam Bàgh anns na Hearadh gun do ràinig iad aonta ann am prionnsabal leis an uachdaran a th' ann airson an t-àite a cheannach.
Tha seo an dèidh chòmhraidhean a lean grunn mhìosan eadar a' choimhearsnachd agus an teaghlach Hitchcock, a tha nan uachdarain orra.
Feumar a-nis crìoch a chur air an aonta agus an t-airgead a bhios a dhìth air a' choimhearsnachd fhaighinn.
"'S e ceum mòr air adhart a th' anns an aonta seo agus e na chomharra air dealas gun tèid na tha an dàn don Oighreachd san ùine fhada ga chumadh 's ga stiùireadh le muinntir an àite," thuirt Cathraiche Buidheann Coimhearsnachd Oighreachd nam Bàgh, Euan Galloway.
"Bu mhath leam ar taing dha-rìribh a thoirt don teaghlach Hitchcock airson cho deimhinneach 's co-obrachail 's a tha iad air a bhith, agus do mhuinntir an àite airson an cuid taice a th' air ar toirt chun a' cheum seo."
Tha an oighreachd, a tha a' toirt a-steach Eilein Bheàrnaraigh, air a bhith ann an làmhan an teaghlaich Hitchcock 'son mu 100 bliadhna a-nis.
Tha a' choimhearsnachd air a bhith a' strì fad bhliadhnaichean 'son a ceannach.
Ged a tha aonta ann am prionnsabal a-niste air a dhèanamh, feumar aonta oifigeil ullachadh fhathast agus feumaidh a' bhuidheann tagradh 'son taic-airgid a chur gu Maoin Fearainn na h-Alba.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh31 Am Màrt 2017