Mòran fhathast gun chumhachd air Ghàidhealtachd

InnleadairTùs an deilbh, SSEN
  • Air fhoillseachadh

Thuirt a' chompanaidh chumhachd SSEN gu bheil còrr air 70,000 dachaigh air an dealan fhaighinn air ais is iad air a chall tro Stoirm Floris.

Tha 1,470 fàrdach às aonais fhathast ge-tà - a' mhòr chuid aca air Ghàidhealtachd.

Thuirt SSEN gu bheil na ceudan de dh'innleadairean a-muigh a' feuchainn ri dachannan a cheangal ris a' ghriod a-rithist.

Tha iad an dòchas gum bi dealan air ais aig a h-uile duine a chaill e ro oidhche Dhiardaoin.

Bidh cumhachd air ais aig còrr air 98% dhe na dachannan a chaill e a-nis, a rèir SSEN.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' cumail biadh teth ris na coimhearsnachdan air a bheil seo a' toirt buaidh.