Feuchaidh uachdaran ri cur às do dh'òrdugh fearann a reic an aghaidh an toil

Tha Poet's Neuk airson an làrach ann an Cill Rìmhinn a dhèanamh na ghàradh poblach
- Air fhoillseachadh
Thog uachdaran cùis-lagha an aghaidh co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba toirt orra pìos fearainn a reic ri buidhinn coimhearsnachd.
Chan eil Forthtay Earranta airson an talamh ann an Cill Rìmhinn a reic ri Poet's Neuk agus a' bhuidheann airson a dhèanamh na gàradh poblach mar chuimhne air Màiri Banrigh na h-Alba.
Ge-tà tha ministearan air òrdachadh dhaibh gum feum iad an talamh a reic fo laghan ath-leasachaidh an fhearainn a thàinig gu bith ann an 2020.
Ma thèid toirt air an uachdaran an talamh a reic 's e a' chiad uair a bhios a leithid air tachairt ann an Alba.
Tha Riaghaltas na h-Alba a' dìon a' cho-dhùnaidh aig cùis-lagha a thòisich ann an Dùn Dè Diluain.
Tha ministearan an dòchas gum brosnaich seo atharrachadh san dòigh 's a tha fearann air a chleachdadh.
Ach thug luchd-lagh an uachdarain rabhadh seachad gum faodadh e buaidh mhòr a thoirt air uachdarain air feadh na dùthcha.

Tha gearanan ann gu bheil trioblaid ann le dol a-mach mì-shòisealta air an làraich agus nach eilear ga chumail glan agus òrdail
Thuirt Poet's Neuk gun tug a' Bhanrigh Màiri an talamh do mhuinntir a' bhaile mus do leig i dhith an crùn ann an 1567.
Tha iad ag ràdh gu bheil daoine a' cleachdadh na làraich airson drugaichean a ghabhail agus gu bheil rodanan ann.
Thug Comhairle Fhìobha cead dhaibh an talamh a dhèanamh na ghàradh poblach sam biodh ìomhaigh den Bhanrigh Màiri.
Ann an 2023 fhuair iad cead am fearann a cheannach fo Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn (Alba) 2016.
Chaidh cur ris an reachdas ann an 2020 gum faod buidheann coimhearsnachd talamh a cheannach nach eil ga chur gu feum agus a tha air a mhilleadh ma tha sin air a mheas a chùm maith a' phobaill fiù 's ged nach biodh an fheadhainn leis a bheil e air a shon.
Fhuair Poet's Neuk cead seo a dhèanamh ann an 2023.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun cruthaicheadh am pròiseact aca "àite far am b' urrainn do mhuinntir na sgìre tighinn cruinn".
"Buaidh mhòr gu nàiseanta"
Tha luchd-lagha Forthtay, a bha roimhe aithnichte mar Optimus Fiduciaries Earranta, ag ràdh gun do chuir Comhairle Fìoba an aghaidh nam planaichean aca airson na làraich.
Bha an t-iarrtas dealbhachaidh mu dheireadh aca airson cìtheasg cofaidh.
Bha còrr is 40 tagraidhean na aghaidh agus chaidh a dhiùltadh.
Thuirt a' chompanaidh MML Law, a tha stèidhichte ann an Dùn Dè, gur e cùis air leth cudromach a bha seo aig a dh'fhaodadh "buaidh mhòr a bhith do mhòran air feadh Alba".
Thuirt fear-labhairt: "Thathar a' fàgail air na h-uachdarain agus fhuaireadh ciontach iad gu bheil iad a' dèanamh mì-fheum den talamh agus mar sin gu bu chòir dhaibh a reic an aghaidh an toil.
"Bu chòir do luchd-seilbh sam bith an Alba a bhith mothachail mun lagh seo agus mar a thèid leis a' chùis seo."
Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach toireadh iad beachd fhad 's a bha a' chùis-lagha a' leantainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An Dàmhair 2024