Cathraiche ùr air Stòras Uibhist
Cathraiche Stòras Uibhist, Iain Stephen Moireasdan
- Air fhoillseachadh
Chaidh Iain Stephen Moireasdan a thaghadh mar chathraiche ùr air Sealladh na Beinne Mòire, a tha a' ruith Stòras Uibhist, an dèidh na coinneimh bliadhnail aca oidhche Dhiardaoin.
Tha e a' gabhail àite Màiri Schmoller, a th' air a bhith san dreuchd sia bliadhna.
Sheall cunntasan na buidhne gu bheil tòrr airgid ga chall fhathast ann an cuid de chompanaidhean, agus gur e an teachd a-steach aig an tuath-ghaoithe aca a tha gan cumail am bàrr.
Dh'fhàg seachdnar luchd-obrach an-uiridh, ach tha piseach a' tighinn air lùghdachadh àireamh nam fiadh air an oighreachd.
Tha còrr is dàrna leth den bhòrd a-niste fo aois 60.
'S e Mgr Moireasdan an cathraiche as òige a bha a-riamh air a' bhòrd, ach tha esan ag ràdh gu bheil e misneachail mun am ri teachd dhan bhuidhinn.
"Tha mise a' faireachdainn cofhurtail gu bheil na buill air a' bhòrd air taic a thoirt dhomh, gu bheil iad a' cur earbsa annam," thuirt e.
"'S e co-dhùnadh a bh' ann dhaibhsan aig deireadh an là, cha do thagh mise mi fhìn airson na dreuchd a tha seo ann.
"Tha mi a' smaointinn 's e rud mu dheidhinn, rudeigin mar a tha Stòras Uibhist, coimhearsnachd a' gabhail am fearainn aca fhèin os làimh - tha e a' dol a ruith bho ghinealach gu ginealach.
"Agus tha e coltach gum biodh an t-atharrachadh sin a' dol.
"Aig deireadh an là, tha seo mu dheidhinn coimhearsnachd ag obrachadh còmhla.
"Chan eil e gu diofar dhomhsa dè an aois a tha thu, no cò às a tha thu no dad sam bith.
"'S e ma tha thu air an aon ràmh, ag iarraidh seo a dhèanamh cho math 's a ghabhas, gluasad air adhart - sin an rud a tha a' cunntais."