£2.6m a bharrachd do dh'Ionad-Leigheis Nàiseanta na Gàidhealtachd

Obair-lannsaTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh maoineachadh a bharrachd luach £2.6m fhoillseachadh airson Ionad-Leigheis Nàiseanta na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis.

Bha Rùnaire na Slàinte, Niall Gray, a' tadhal air an ionad Diardaoin airson am maoineachadh fhoillseachadh.

Tha dùil gun leig an t-airgead leis an ionad mu 8,418 a bharrachd de dh'obraichean-lannsa orthopaedic agus ophthalmic a dhèanamh sa bhliadhna a tha romhainn.

Tha sinn na àrdachadh 67% air a' 5,054 a choimiseanaich Riaghaltas na h-Alba an-uiridh.

Tha an t-airgead a bharrachd air tighinn a-mach à stòras £200m sa Bhuidseat mu choinneimh liostaichean feitheamh a ghiorrachadh, dèiligeadh ri daoine a bhith san ospadal nas fhaide na bu chòir, agus piseach a thoirt air pròiseasadh euslainteach air feadh na dùthcha.

Bidh an t-ionad-leigheis, a dh'fhosgail o chionn dà bhliadhna, a' dèiligeadh ri euslaintich à sgìrean NHS na Gàidhealtachd, Roinn a' Mhonaidh, Taobh Tatha agus Sealtainn.

"Tha fhios againn gu bheil daoine san àm a dh'fhalbh air a bhith a' feitheamh ro fhada air obair-lannsa, agus tha am Prìomh Mhinistear 's mi fhèin air plana a chur an cèill airson sin atharrachadh," thuirt Mgr Gray.

"Bheir sinn seachad còrr air 150,000 a bharrachd choinneamhan dotair agus obraichean-lannsa gu nàiseanta a dhèanamh cinnteach gum faigh daoine an cùram air a bheil iad feumach cho lauth 's a ghabhas."