Moladh taighean-beaga poblach am Baile nan Granndach a dhùnadh

Àrd-Shràid Bhaile nan GranndachTùs an deilbh, Malc McDonald/Geograph
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh gun dùin iad na taighean-beaga poblach mu dheireadh a tha iad a' ruith ann am Baile nan Granndach.

Thèid iarraidh air comhairlichean air Comataidh Bhàideanach is Srath Spè an ath-sheachdain aontachadh ris a' mholadh.

Dheadh na taighean-beaga poblach air Àrd-Shràid a' bhaile a dhùnadh deireadh na bliadhna.

Tha oifigich ag ràdh gu bheil call a' tighinn air a' Chomhairle ri linn nan taighean-beaga, agus gu bheil goireasan poblach eile sa bhaile a th' air an ruith leis a' choimhearsnachd.

Ma thèid aontachadh ris a' phlana, thèid an togalach a reic.