An duine a ghabh brath air boireannaich agus a ghoirtich iad 'son a thoil fhèin

Tammy Conner
- Air fhoillseachadh
Thug boireannach a bha na cèile aig fear-gnothachais beartach a bha "a' ciùradh" bhoireannach - agus ga chlàradh - rabhadh seachad gum faodadh cuideigin bàsachadh mura tèid stad a chur air.
Thugar casg siubhail eadar-nàiseanta do Chaoimhin Booth ann an cùis shìobhalta sa Ghearran an dèidh do chùirt cluinntinn gun tug e ionnsaigh air boireannaich so-leònta ann an seòmar fon talamh aig a dhachaigh ann an Loidse an Locha Duibh faisg air Allt nam Breac agus ann an taighean-òsta thall thairis.
Tha Tammy Conner, a tha ag ràdh gun deach a dochann le Booth fad ceithir bliadhna bho bha i 16 bliadhna de dh'aois, air roghnachadh bruidhinn mun chùis 's i an dòchas gum brosnaich i feadhainn eile a dh'fhuilng bruidhinn a-mach.
Dh'innis boireannach eile a bha ag obair do Booth san loidse do BhBC Scotland gun robh aice ri a h-ainm a chur ri cùmhnant a bha a' toirt cead dha a "peanasachadh."
Thuirt Tammy, a tha a-nise 44: "Là de na làithean-sa tha e a' dol a ghoirteachadh cuideigin gu dona agus bàsaichidh iad no cuiridh iad làmh nam beatha fhèin.
"Cha bu chòir dha a bhith a' faighinn às leis tuilleadh."
Thuirt Booth, 65, gur e "gòraiche" a bha anns na casaidean agus nach deach a-riamh a thoirt an grèim, nach deach casaid a thogail na aghaidh 's nach deach a dhìteadh air casaidean co-cheangailte ri dochann san dachaigh.
Ach thuirt an siorram a bha os cionn na cùise sìobhalta, taobh a-muigh far an deach casg siubhail eadar-nàiseanta a thoirt dha Booth, gun robh na bhidiothan a chlàr e iargalta agus gum b' urrainnear a ràdh gun robh e ri trafaigeachd is a' dubh-shaothrachadh dhaoine.
Rabhadh: Dh'fhaodadh cuid de na tha sa chunntas seo buaidh a thoirt air luchd-leughaidh.
Bha Tammy Conner 16 nuair a chunnaic i sanas sa phàipear ionadail aice ann an 1997 a thuirt: "Modailean a dhìth 'son rèisean-each."
Thug Booth, a stèidhich companaidh a bha a' toirt comhairle do dhaoine mu a bhith a' cur gheall air rèisean-each, a' chompanaidh Isiris, obair dhi aig an oifis aige ann an Keighley ann an Siorrachd Iorc an Iar.
Tha i ag ràdh gun tuirt e rithe san agallamh gun robh "sùilean snog" aice.
Bhiodh i a' dèanamh obair-rianachd agus a' dol gu rèisean-each air feadh Shasainn agus cho fada tuath ri Peairt.

Caoimhin Booth aig Loidse an Locha Duibh ann an 1995
Bha gnothachas Booth stèidhichte air daoine a bhith a' cur fios air loidhnichean-fòna airson a' chuid comhairle fhaighinn. Bha cliù aig Booth airson a bhith a' toirt seachad comhairle mhath.
Ann an 1997 dh'innis e dhan Sunday Times: "Bha mi a' dèanamh barrachd airgid tro a bhith a' cur gheall na bha mi a' faighinn ann an tuarastal, 's le sin roghnaich mi gun robh cho math dhomh an teagasg a chur a dhara taobh agus a bhith a' cur gheall."
Ach thug dìteadh a fhuair e ann an 1994 air a dhreuchd atharrachadh cuideachd. Fhuairear ciontach e de a bhith a' cleachdadh cèine air cloinn ann an sgoil phrìobhaidich a bha e a' ruith còmhla ris a' bhean a bha aige aig an àm ann an Newbiggin-by-the-Sea ann an Northumberland.
Fhuair e binn trì mìosan sa phrìosan le dàil fad dà bhliadhna. Mun àm sin bha e air fàs cho soirbheachail 's gun robh cuid de na bha a' ruith nan leabhraichean aig na rèisean a' diultadh leigeil leis geall a chur leotha.
Thuirt Tammy gun robh i am measg grunn chaileagan a dheadh a thoirt gu rèisean ann an limo agus gun deadh deoch làidir a thoirt dhaibh tron là.
"An uairsin dh'fheuchadh e ri pòg a thoirt dhut, no rudeigin. Nan canadh tu nach robh thu ga iarraidh chanadh e gun deadh do pheanasachadh," thuirt i.
"'S e a thachair dhomhsa ach gun tug e trì cèisean dhomh agus dh'fheumainn tè a thaghadh.
"'S le sin thagh mi aon agus 's e am peanas a fhuair mi airson pòg a dhiùltadh dha, no rudeigin, 20 slais le cèine."
Dh'innis i mar a chaidh a toirt gu sòfa-leapa ann an oifis Booth. Mhothaich i gun robh camara air an deasg aige a chlàir an dochann.
"A h-uile turas a bhuail e mi dh'fheumainn a ràdh 'ma 's e do thoil sir' no 'taing sir.'
"Agus mura canainn 'ma 's e do thoil e' no 'tapa leat' thòisicheadh e a-rithist."
Tha Tammy ag ràdh gun deach a dochann aig àm eile airson a bhith a' toirt pòg do charaid Booth aig rèis.
Thuirt i: "Sin mar a lean cùisean. Cha robh fios agam aig an àm gun robh e ga dhèanamh air clann-nighean eile cuideachd. Bha dùil agam gur e dìreach mi fhèin a bh' ann.
"Bha sinn 16. 'S e clann a bh' annainn. Dh'fhaodadh tu a ràdh gun deach ar grumadh."
Thuirt i: "Cuid de h-amannan a bha e gam bhualadh bha mi cho goirt. Bha mo chraiceann dubh is gorm. 'S gann gum b' urrainn dhomh coiseachd no suidhe sìos. Bha e uabhasach."

Stèidhich Booth a' chompanaidh Isiris gus comhairle a thoirt do dhaoine mu rèiseadh-each
Thuirt i gum biodh e a' toirt barrachd pàighidh dhi nuair a dheadh a dochann agus thug e oirre a h-ainm a chur ri cùmhnantan a bha ag ràdh gun robh i a' toirt cead dha.
Chuir e ìmpidh oirre cuideachd a bhith a' feise leis agus bliadhna an dèidh dhi an obair a ghabhail dh'fhàs i trom.
Thuirt Tammy gun robh Booth "toilichte" leis an naidheachd agus thuirt e rithe nach leigeadh i a leas a bhith ag obair san oifis tuilleadh.
Ach bha tachartas eile ann an dèidh an dàrna leanabh a bhith aca ann an 2000 far an do chleachd e cuip-eich a dh'fhag comharran air a druim, a tòin agus a casan.
Thuirt Tammy: "Às dèidh dha sin a dhèanamh thuirt mi ris 'cha dèan thu tuilleadh e. Tha clann agam a-nis'."
Sguir an dochann - ach bha targaidean eile aig Booth.
Dh'atharraich cùisean gu tur sa Ghiblean 2000 nuair a rinn Poilis Siorrachd Iorc an Iar rèid air an dachaigh aca.
Chaidh innse dha Tammy às dèidh làimh gun robh au pair à Bràisil air cur às leth Booth gun tug e ionnsaigh dhrabasta oirre san oifis aige.
An là ron ionnsaigh thuirt an au pair gun robh Booth air bhidio a shealltainn dhi far an robh esan a' toirt slaicean do bhoireannach mu a tòin agus gun tug e rabhadh dhi gun deadh "a peanasachadh gu dona" mura dèanadh i na bha e ag iarraidh.
Thuirt Booth gun robh i air cead a thoirt dha ach cho-dhùin diùraidh ann an Cùirt a' Chrùin ann am Bradford ann an 80 mionaid gun robh e ciontach. Fhuair e binn dà bhliadhna sa phrìosan.
Thuirt Tammy an dèidh dha a bhith air a shaoradh bhon phrìosan gun do ghluais iad a Vermont sna Stàitean Aonaichte, mus do thill iad airson fuireach air a' Ghàidhealtachd.
B' e Loidse an Locha Duibh faisg air Allt nam Breac ann an Gallaibh an dachaigh ùr aca.
Thogadh an taigh ann an 1895 mar loidse seilg. Airson faighinn thuige feumar a dhol air rathad prìobhaideach, nach deach a thearradh, agus a tha 14 mìle de dh'fhaid. Chan eil taighean eile faisg air. Tha e gu tur prìobhaideach.

Ann an 2010 fhuair Booth cead bho Chomhairle na Gàidhealtachd seòmar a chur fon talamh aig an loidse.
Thuirt breith na cùise sìobhalta gum faighear a-steach dhan t-seòmar le a bhith a' dol sìos tro dhoras agus tro thunail choncrait 60 meatair de dh'fhaid. Na bhroinn tha ciste-laighe gun càil ann, ìomhaighean mòra Èipheiteach agus being mheadailt.
Beagan bhliadhnaichean às dèidh sin tha Tammy ag ràdh gun d' fhuair i lorg air màileid far ann robh dèideagan feise agus aodach beaga boireannaich.
Thuirt i: "Dh'fhaighnich mi dha mu dheidhinn agus thuirt e rium seach nach robh e a' còrdadh rium a bhith a' dèanamh an t-seòrsa rud sin còmhla ris gum faigheadh e boireannaich ris an còrdadh agus gun toireadh e pàigheadh dhaibh 'son a dhèanamh.
Dhealaich Tammy agus Booth ann an 2016, ach bhiodh iad fhathast a' faicinn càch a chèile.
Thuirt i gun robh fios aice gun robh boireannaich air an dochann aig an loidse agus gum biodh i gam brosnachadh a dhol gu na Poilis.
Cha deach Tammy gu na Poilis a-riamh a ghearan mu Booth ach ann an 2016 chaidh a dìteadh airson a bhith a' briseadh na sìthe na aghaidh-san.
Thug a' chùirt rabhadh dhi agus chaidh a saoradh gun pheanas a bharrachd.

Rathad Loidse an Locha Duibh
Aig toiseach 2018 chaidh boireannach Eòrpach fhastadh le Booth air mhuinntireas.
Tha sinn a' gabhail Marta oirre. Dh'innis i do BBC Scotland gun deach a gairm gu oifis Booth beagan sheachdainean an dèidh dhi tòiseachadh ag obair dha.
Thuirt i gun do dh'iarr e oirre an uairsin suathadh "na pàirtean prìobhaideach" aige
Dhiùlt Marta sin a dhèanamh ach chaidh a ràdh rithe: "Mura h-eil thu deònach seo a dhèanamh chan fhaigh thu airgead a bharrachd. Ma nì thu seo gheibh thu barrachd airgid."
Dh'aontaich i a dhèanamh leis gun robh i a' cur feum air an airgead.
Thuirt Marta gun deach cùmhnant ùr a chur mu a coinneimh.
Bha an cùmhnant ag ràdh gun deadh a "peanasachadh" nan dèanadh i dad ceàrr.
Thachair sin dhi 'son a' chiad turas nuair a rinn i diathad le feòil circe nach do chòrd ris.
A rèir Marta thug e slais chruaidh dhi mu a tòin agus chleachd e bruis 'son a bualadh.
"Cha b' urrainn dhomh suidhe 'son dà là," thuirt i.
Chaidh Marta gu na Poilis ann an 2019 ach leig Oifis a' Chrùin a' chùis an aghaidh Booth às ann an 2021.
Ach às dèidh na cùise sìobhalta a bh' ann bho chionn ghoirid tha Marta an dòchas gun toir an sgeulachd aicese air boireannaich eile innse mu na thachair dhaibhsan.
"Tha mi a' bruidhinn mu dheidhinn leis gu bheil mi airson clann-nighean eile a shàbhaladh bhon duine sgràthail sin."
Thug a' chùis shìobhatla sa Ghearran dol a-mach Booth gu aire a' phobaill.
Thog Poileas Alba a' chùis shìobhalta fo laghan trafaigeachd is dubh-shaothrachadh dhaoine 'son a chasg bho a bhith a' siubhail taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte.
Thuirt breith na cùirte gun robh Booth a' conaltradh le boireannaich a bha so-leònta gu h-eaconomach air Skype agus gum biodh e gan coinneachadh ann an àiteachan leithid Afraga a Deas, Dubai, Sri Lanka agus anns na h-Eileanan Filipineach.
Phàigh e airson an toirt dhan Rìoghachd Aonaichte far an deadh an dochann.
Thuirt a' bhreith-cùirte cuideachd gun robh cuid de na teachdaireachdan sin ag ràdh gum faigheadh na boireannaich pàigheadh airson leigeil le Booth an dochann.
"Bu chòir dha a bhith sa phrìosan"
A rèir na breithe-cùirte chuir Booth "ìmpidh ionmhasail" air boireannach gus toirt oirre casaid èiginneach na aghaidh ann an Èirinn a leigeil às.
Fhuair poilis 341 bhidiothan de bhoireannaich air an dochann. Chaidh a ràdh gur e "ciùrradh" a bh' ann an aon bhidio, a mhair 18 mionaidean is coltas ann nach robh dòigh aig a' bhoireannach teicheadh.
Thog a' bhreith-cùirte cuideachd air an àm a bha Booth a' teagasg ann am Botswana sna 1980an. "Chleachd e cèine air mòran sgoilearan agus chòrd sin ris."
Tha dùil ri Booth sa chùirt an ath-sheachdain airson cùis co-cheangailte ri conaltradh feiseil.
Tha e a' dol às àicheadh nan casaidean na aghaidh.
Tha Tammy ag ràdh gum biodh i deònach bruidhinn ris na Poilis mu na thachair dhi.
Thuirt i: "Tha e mar gu bheil e a' faighinn às leis seach gu bheil e beartach. Cha stad e a chaoidh."
Chuir Tammy ìmpidh air boireannaich a chaidh a dhochann le Booth, mòran a dh'fhaodadh a bhith a' fuireach thall thairis a-nis, fios a chur gu na Poilis.
"Bu chòir dha a bhith sa phrìosan," thuirt i.

Caoimhin Booth ann an 2018
Cho-dhùin Oifis a' Chrùin ann an 2021 nach bu chòir do chùis eucoir a dhol air adhart co-cheangailte ri gearain Marta, ach thuirt neach-labhairt gu bheil a' chòir aca casaidean a thogail san àm ri teachd.
"Tha sinn ag obair gu dlùth le Poileas Alba air tuilleadh rannsachaidhean," thuirt iad.
Thuirt an Detective Superintendent Steven Bertram gun cleachd iad na goireasan a th' aca airson dèiligeadh ri trafaigeachd is dubh-shaothrachadh dhaoine.
"Chan eil an ùine a' dol seachad na bhacadh air ceartas agus chuireadh sinn ìmpidh air duine sam bith air a bheil dragh neo fiosrachadh a thighinn a bhruidhinn rinn, taobh a-muigh."
Thuirt Caoimhin Booth gur e "gòraiche" a bh' ann an casaidean Tammy.
Thuirt e gur e esan a dh'fhuiling dochann san dachaigh aig làmhan Tammy agus gun robh i "a' cumail smachd orm le a bhith a' cuingealachadh na bha mi e a' dèanamh".
Tha e ag ràdh nach deach gearanan a dhèanamh, nach deach a thoirt an grèim, nach deach casaid a chur às a leth agus nach deach a dhìteadh air casaidean co-cheangailte ri dochann san dachaigh.
Thuirt Booth nach robh casaidean Marta "ceart" agus "gun robh fianais aige" a dhearbhadh sin.
"Nuair a chaidh an fhianais a chur mu choinneimh Oifis a' Chrùin, thuirt iad nach toireadh iad a' chùis gu lagh," thuirt e.
Thuirt e cuideachd gum faodadh ath-thagradh a bhith air a dhèanamh an aghaidh breith na cùise sìobhalta agus le sin nach b' urrainn dha càil a ràdh mun sin aig an ìre seo.
Gheibhear fiosrachadh is taic air Loidhne-Ghnìomha a' BhBC.