Lùghdachadh 5.5% air àireamh an t-sluaigh sna h-Eileanan an Iar

Tha 5.5% nas lugha luchd-còmhnaidh sna h-Eileanan an Iar an taca ri 2011
- Air fhoillseachadh
Tha an Cunntas Sluaigh a chaidh fhoillseachadh Diardaoin a' sealltainn gur ann sna h-Eileanan an Iar a thàinig an lùghdachadh as motha air àireamh an t-sluagh sna deich bliadhna gu 2022.
Tha 5.5% nas lugha de dhaoine a' còmhnaidh sa sgìre an coimeas ri na bha ann an 2011.
Thàinig lùghdachadh 2.4% air àireamh an t-sluaigh ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd, agus crìonadh 1.2% ann an Sealtainn.
Thàinig fàs 3% ge-tà air na tha de shluagh ann an Arcaibh, agus dh'èirich àireamh luchd-còmhnaidh na Gàidhealtachd 1.4%.

Clann-sgoile ann an Dùn Èideann le àireamhan a' sealltainn na tha de dhaoine a tha a' fuireach an Alba
Uile gu lèir dh'èirich àireamh an t-sluaigh ann an Alba gu 5,436,600 - an àireamh a b' àirde riamh on thòisich na clàraidhean.
A rèir an dàta a chruinnich Clàran Nàiseanta na h-Alba tha an còigeamh cuid de shluagh na dùthcha a-nis nas sine na 65 bliadhna de dh'aois, leis an àireamh as motha sa bhuidhinn sin (a rèir àireamh sluaigh) a' fuireach ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd.
Bidhear a' tional nan àireamhan a h-uile 10 bliadhna airson taic a thoirt do bhuidhnean a bhios a' maoineachadh agus a' cur sheirbheisean poblach air dòigh, mar còmhdhail, foghlam agus slàinte.
Tha am fiosrachadh slàn mu na h-àireamhan as ùire ri fhaicinn air làrach-lìn Cunntas an t-Sluaigh ., taobh a-muigh