Dragh mu Bhile nan Cànanan Albannach

An t-Oll. Conchúr Ó Giollagáin
Fo-thiotal an deilbh,

An t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin

  • Air fhoillseachadh

Bidh a' chiad sgrùdadh aig Holyrood Diciadain air Bile nan Cànanan Albannach.

Nochd eòlaiche cànain dragh ge-tà nach dèan a' Bhile feum anns na coimhearsnachdan Gàidhlig.

Tha Ollamh na Gàidhlig aig UHI, Conchúr Ó Giollagáin, am measg na bheir fianais do Chomataidh an Fhoghlaim aig Pàrlamaid na h-Alba.

'S e a sgrìobh 'The Gaelic Crisis in the Vernacular Community' agus thuirt e na fhreagairt dhan cho-chomhairleachadh air an reachdas nach eil e a' dèiligeadh ri duilgheadasan sònraichte ann an coimhearsnachdan dùthchasach na Gàidhlig agus gum bu chòir dàil a chur air.

Fo-thiotal an deilbh,

Obair rannsachaidh a rinn An t-Ollamh Ó Giollagáin

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain thuirt e gur e seo an cothrom mu dheireadh taic a chumail ri coimhearsnachd a th' ann an staing an-dràsta.

"Chan eil mi a' faicinn gur e leasachaidhean susbainteach sa Bhile mar a tha i.

"Chan eil i a' toirt feart dhan phrìomhachas a th' ann an-dràsta agus 's e sin staing na Gàidhlig.

"Tha i ro choltach ri Achd na Gàidhlig 2005. Tha tòrr atharrachaidhean a thaobh biùrocrasaidh na Gàidhlig ach chan eil taicean sònraichte airson nan coimhearsnachdan," thuirt e.

Am beachd an Ollaimh Ó Giollagáin 's e a tha a dhìth iomairtean agus leasachaidhean practaigeach a chumas taic ris an luchd-bruidhinn àbhaisteach.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Bile nan Cànanan Albannach "na dhreach eile air an rud a th' ann an-dràsta"

Chuir e às leth nam buidhnean leasachaidh Gàidhlig nach eil iad ag aithneachadh gu bheil èiginn ann.

"Chan eil iad a' bruidhinn a-mach ann an dòigh a tha soilleir gu leòr, a' cantainn gu bheil staing ann," thuirt e.

Tha e a' moladh gur e an t-slighe a bu ghlice a ghabhail stad a chur air a' Bhile agus beachdachadh às ùr air na ghabhas dèanamh airson a' Ghàidhlig a thoirt air adhart.

"Tha dòighean ann ionmhas a thoirt gu dìreach dha na coimhearsnachdan sna h-eileanan agus gum bi dòighean obrach agus riaghlaidh aca fhèin airson a bhith a' cur nan iomairtean aca fhèin air dòigh.

"Chan fhaigh sinn a-mach às a' Bhile seo ach biùrocrasaidh a bharrachd ach chan e sin a tha a dhìth air coimhearsnachd Gàidhlig ach ro-innleachd agus iomairtean agus ionmhas."