Mòd 2025 ann an Loch Abar

Mòd 2017Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh am Mòd a chumail ann an Loch Abar mu dheireadh ann an 2017

  • Air fhoillseachadh

Chaidh fhoillseachadh gur ann an Loch Abar a bhios am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2025.

Thèid an fhèis a chumail eadar an 10mh 's an 18mh là den Dàmhair 2025.

B' ann an 2017 a chaidh am Mòd a chumail san sgìre mu dheireadh.

Tha an naidheachd ga nochdadh agus an ceann-là gus cur a-steach airson farpaisean Mòd na bliadhna seo ann am Pàislig a' teannadh oirnn.

Feumaidh farpaisich iad fhèin a chlàradh air-loidhne ron 31mh den Chèitean.

“Tha sinn air leth toilichte ainmeachadh gum bi am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Loch Abar ann an 2025," thuirt Àrd-Oifigear a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail, Seumas Greumach.

"Chaidh am Mòd mu dheireadh an sin a chumail ann an 2017 agus bha e anabarrach soirbheachail le còrr air 3600 farpaiseach a’ gabhail pàirt.

"Tha meur Loch Abair den Chomunn Ghàidhealach nam buidheann gnìomhach agus eòlach, a bhios a’ lìbhrigeadh Mòd Ionadail Loch Abar gach bliadhna gu cunbhalach agus aig àrd-ìre.

"Tha dualchas làidir Gàidhlig ann an Loch Abar agus chan eil teagamh sam bith agam nach bi Mod 2025 a cheart cho soirbheachail leis na mìltean de Ghàidheil a’ cruinneachadh airson nan cuirmean agus nam farpaisean ann an sgìre àlainn Loch Abair.

"Bidh an t-aon siostam inntrigidh air-loidhne do Mhòd na bliadhna seo a’ dùnadh aig deireadh na mìosa seo agus mar sin mholamaid do gach neach an innteartan a chur a-steach cho luath ’s a ghabhas.”

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a’ gabhail àite ann am Pàislig bho 13-21 Dàmhair 2023.

Bidh am Mòd an uair sin a’ dol don Òban ann an 2024.