Ceithir bàtaichean ùra do ChalMac gan togail san Tuirc "ann an àm"

Tè de na bàtaichean ùra a bhios annTùs an deilbh, CMAL
  • Air fhoillseachadh

Tha dùil gum bi ceithir bàtaichean-aiseig ùra a thathas a' togail anns an Tuirc airson slighean air costa an iar na h-Alba deiseil a rèir a' chlàir-ama agus air buidseat, a rèir CMAL.

Bu chòir gum bi na bàtaichean air fad ann an Alba ro 2025.

Chaidh druim an dàrna soithich de dhà a gheibh Ìle a stèidheachadh Diciadain, a thuilleadh air stàilinn a ghearradh airson a' chiad shoithich de dhà airson slighean nan Eilean Siar.

Tha seo agus mì-thoileachas mòr ann an coimhearsnachdan sna h-eileanan le staid nan seirbheisean aiseig aca.

Gàrradh Cemre san Tuirc
Fo-thiotal an deilbh,

Togaidh Gàrradh Cemre san Tuirc ceithir bàtaichean-aiseig ùra

Tha connspaid leantainneach ann cuideachd mu mar a chaidh dà shoitheach a tha gan togail air Cluaidh a làimhseachadh, 's iad gu mòr air dheireadh agus thairis air buidseat.

Tha an Glen Sannox agus bàta eile ris an canar Slige 802 gan togail aig Gàrradh MhicFhearghais.

Na bu thràithe den t-seachdain, thuirt Riaghaltas na h-Alba gun cumadh iad orra a' maoineachadh na h-obrach air Slige 802 a dh'aindeoin 's gum biodh e na bu shaoire soitheach ùr a thogail àiteigin eile.

Thuirt CMAL, a' chompanaidh stàite leis a bheil CalMac, gum bu chòir gum bi misneachd aig coimhearsnachdan eileanach gum bi na ceithir soithichean a tha gan togail aig gàrradh Cemre san Tuirc deiseil agus ann an seirbheis nuair a tha dùil riutha.

Tha dùil gum bi a' chiad thè, airson slighe Ìle, deiseal an ath-bhliadhna.

Thuirt àrd-oifigeach CMAL, Caoimhin Hobbs, gun robh e air a bhith gu math cudromach na ceithir bàtaichean a thogail aig an aon àm agus ris an aon chumadh.

"'S e na thachair roimhe, gun robh bàtaichean fa-leth gan togail, le dealbhachadh fa-leth, ri linn 's nach robh airgead againn riamh càil ach sin a dhèanamh," thuirt e.

Thuirt Mgr Hobbs gun robh plana £700m thairis air còig bliadhna bho Riaghaltas na h-Alba air ceadachadh gum biodh na soithichean mòra ùra aca den aon sheòrsa, agus gun gabhadh plana a dhèanamh airson soithichean eile a ghabhas àite seann bhàtaichean.

An Comh. Ùisdean Robasdan
Fo-thiotal an deilbh,

B' e an Comh. Ùisdean Robasdan a chuir an obair gu dol air gearradh stàilinn airson tè de na bàtaichean ùra san Tuirc

Tha bàtaichean den aon sheòrsa a bhith ann ga dhèanamh nas fhasa criuthaichean a ghluasad eadar soithichean, agus cuideachd ga dhèanamh nas saoire na bàtaichean a chumail aig ìre leis nach bi feum aig gach soitheach air pàirtean sònraichte.

Thuirt Mgr Hobbs gun robh e ag aithneachadh gu bheil muinntir nan eilean air an sàrachadh leis a' mhaill a th' air an dà shoitheach a tha gan togail air Cluaidh.

"Tha sinn airson a bhith cinnteach gun tèid a h-uile soitheach a tha sinn a' coimiseanadh ga thogail ann an àm agus air buidseat," thuirt e.

"Gu nàdarra, bithear a' cur earbsa mhòir ann an gàrradh gun coilein iad na gheall iad, agus tha an gàrradh seo ann an Cemre a' dèanamh sin, ged a tha eisimpleirean eile againn gu mì-fhortanach far nach do thachair sin.

"Tha an obair aig Gàrradh MhicFhearghais a' dol glè mhath a-niste, agus thàinig daingneachadh bho Riaghaltas na h-Alba an t-seachdain a chaidh."

Thuirt Mgr Hobbs gun deadh cùmhnantan a thoirt tro phròiseas fhosgailte do ghàrraidhean a tha comasach air cumail ri cosgais stèidhichte agus bàtaichean a thogail ann an àm.

Thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, a bh' anns an Tuirc airson obair air tè de na bàtaichean ùra a chur gu dol, ged a bha feum air cosnaidhean a ghlèidheadh aig Gàrradh MhicFhearghais, gur beag an aire a chaidh a thoirt do na chailleadh de cosnaidhean sna h-eileanan ri linn staid nan seirbheisean-aiseig.

Thuirt e gun dèanadh e diofar mòr dha na h-eileanan bàtaichean a bhith air an togail ann an àm.