'A' chèilidh' nach eil buileach na cèilidh
- Air fhoillseachadh
'S iomadh cèilidh is dannsa a chaidh a chumail ann an Ulapul thar nam bliadhnaichean.
Tha Baile/Baile air sreath de thachartasan eadar-dhealaichte a thoirt dhan bhaile, is an dithis a tha air an cùlaibh airson ceòl dannsa eileagtronaigeach a bhrosnachadh air Taobh Sear Rois.
Thoisich Sigi Whittle agus Jemima Fasakin na dannsaichean, is iad den bheachd gun robh beàrn ann airson na leithid, agus leis gach tiocaid air a reic airson a' chiad thrì oidhcheanan, tha a h-uile coltas ann gun robh iad ceart.
Bha Sigi airson ceòl a bha a' còrdadh ris fhèin a chluinntinn an Ulapul.
Tha làithean Lupaloo seachad agus tha an Fhèis Leabhraichean a' tighinn gu ceann, mar sin bha Sigi airson rudeigin fheuchainn airson beatha shòisealta a bhaile a thogail.
"Bha mi a' faireachdainn gun robh iarrtas ann airson rudeigin shuas an seo a bha beagan nas beòthaile, canaidh sinn sin, agus tha fios agam gu bheil ceòl dannsa a' còrdadh ri daoine suas an seo.
"Rud a th' ann a bhios a' ciallachadh gu leòr ann am baile beag, agus 's e mo dhachaigh a th' ann."
Fhuair Baile/Baile ainm bhon Ghàidhlig - airson baile - agus Spàintis is Phortugese far a bheil 'Baile' a' ciallachadh dannsa.
Cead do stuth Twitter?
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.
Tha na dannsaichean air an cumail anns an Cèilidh Place sa bhaile. Chaidh Sigi a bhruidhinn riutha an-toiseach is beagan de dh'iomagain air, ach fhuair na beachdan aige fàilte bhlàth.
"Bha sinn air ar dòigh" thuirt Jock Urchadain, aig a bheil an Cèilidh Place. "Tha sinn a' cur fàilte air ceòl de dh'iomadh seòrsa, agus tha e an còmhnaidh math sgioba òg, easgaidh fhaicinn a tha airson an dreach acasan de chèilidh a chur air dòigh."
A bharrachd air a bhith a' toirt nòs ciùil don bhaile, tha Sigi agus Jemima airson 's gum bi àite sàbhailte aig a h-uile duine an Ulapul aig na tachartasan aca. Tha DJs LGDT+ air a bhith aca air a' chlàr agus tha gach neach aig mullach a' chlàir gu ruige seo air tighinn bho cheann a tuath na h-Alba.
"Cha deach cùisean a dhealbhachadh mar sin sa chiad dol a-mach, ach tha e iomchaidh. Bha sinn airson 's gum biodh daoine aig iomadh aois airson tighinn. Ann an àite beag, feumaidh tu farsaingneachd de dhaoine thàladh a-steach".