Mòd Ionadail ga stèidheachadh an Siorrachd Lannraig a Tuath

Dannsairean ògaTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
  • Air fhoillseachadh

Thèid mòd ionadail air adhart ann an Siorrachd Lannraig a Tuath am-bliadhna 'son a' chiad uair.

Thàinig an naidheachd bhon Chomunn Ghàidhealach is Seachdain na Gàidhlig a-nise air tòiseachadh.

Ged a tha FtMG air a bhith ann an Siorrachd Lannraig a Tuath bho 1997 - agus gun robh am Mòd Nàiseanta Rìoghail fhèin san Àrd-Ruigh ann an 1993 - cha robh mòd ionadail anns an sgìre gu seo.

Bidh sin ag atharrachadh air an 20mh den t-Sultain nuair a bhios mòd ionadail ann an Àrd-sgoil Greenfaulds ann an Comar nan Allt.

CèilidhTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach

Thuirt an Comunn Gàidhealach gu bheil iad air an dòigh leis an naidheachd is gu bheil seo a' cur ri lìonra de mhòdan ionadail air feadh na dùthcha, taobh a-muigh.

"Tha fhios againn gum bi mòdan ionadail a' togail ìomhaigh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan agus gun cuir seo ri fàs na Gàidhlig", thuirt ceann-suidhe a' Chomuinn, Magaidh Choineagan.

Fhuair an Comunn taic bho Bhòrd na Gàidhlig gus an tachartas a stèidheachadh.

Chuir Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath fàilte air a' mhòd ionadail ùr cuideachd is iad ag ràdh gur e cothrom a bhios ann dha òigridh na sgìre na tàlatan aca a thaisbeanadh agus foghlam is dualchas na Gàidhlig a chomharrachadh.

Tha Seachdain na Gàidhlig, taobh a-muigh a' ruith eadar an 24mh den Ghearran is an 2na den Mhàrt.

Coisir Ghàidhlig Chomar nan AlltTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach