Buinn òir a' Chomuinn a' dol a Ghlaschu is Obar Dheathain

- Air fhoillseachadh
'S iad Caitlyn Yule à Glaschu agus Finlay John Morse à Obar Dheathain a bhuannaich Farpais a' Bhuinn Òir aig Mòd Loch Abair.
Bha Caitlyn air a bhith sa chiad àite ann am farpais nam ban às dèidh na maidne is sin mar a chrìochnaich cùisean, ged a bha e glè fhaisg.
'S ann à Comar nan Allt a tha i bho thùs is i a-nise a' fuireach ann an Glaschu.
'S e Gur moch rinn mi dùsgadh òran ainmichte nam mnathan air an oidhche is 's e Am Bròn Mara a thagh Caitlin fhèin.
'S i Julie-Anne NicPhàidein às an Òban a bha san dàrna àite ann am farpais nam ban, dìreach pùing air cùl Caitlyn às dèidh a bhith trì air dheireadh sa mhadainn.

Cha robh ach dithis ann am farpais nam fear am-bliadhna, rud a tha an Comunn Gàidhealach air gealltainn a rannsachadh.
Bha Finlay John Morse air thoiseach air Jonathan Fairgrieve à Leòdhas às dèidh ro-fharpais na maidne agus sin mar a chrìochnaich gnothaichean air a' cheann thall air an oidhche cuideachd.
'S e Cuachag an Fhàsaich a chaidh a chur ro na fireannaich is thagh Finlay John fhèin Cumha Alasdair Dhuinn a ghabhail.
Tha e na stiùiriche air Còisir Ghàidhlig Obar Dheathain agus na bhall de Chòisir Ghàidhlig nan Loch agus de Bhùrach.

Bha na comharran ann am farpais nam ban mar a leanas:
Caitlyn Yule - 738
Julie-Anne NicPhàidein - 737
Laura Robasdan - 732
Amanda Millen - 725
Seo mar a bha na comharran ann am farpais nam fear:
Finlay John Morse - 744
Jonathan Fairgrieve - 721
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 22 uair