Beachdan gan iarraidh air sgeama Gàidhlig nan còisirean a leasachadh

Còisir Bharraigh a' dèanamh gàirdeachais Tùs an deilbh, AN COMUNN GÀIDHEALACH
Fo-thiotal an deilbh,

Còisir Bharraigh a' dèanamh gàirdeachais an dèidh Sgiath Latharna a bhuannachadh

  • Air fhoillseachadh

Cuiridh An Comunn Gàidhealach pàipearan comhairleachaidh a-mach do na còisirean air fad a' sireadh am beachdan air sgeama gus sgilean cànain nam ball a thoirt am feabhas.

Tha cathraiche a' Chomuinn, Magaidh Choineagan, ag ràdh gur e am prìomhachas "brosnachdh barrachd dhaoine ann an còisirean ùidh a ghabhail ann an Gàidhlig ionnsachadh".

Dhearbh i nach tig atharrachaidhean air an do rinn iad co-chomhairle an-uiridh air cruth farpaisean nan còisirean aig Mòd na h-ath-bhliadhna.

Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu a bhuannaich Sgiath MhicShimidh is Thulaich BhàrdainnTùs an deilbh, AN COMUNN GÀIDHEALACH
Fo-thiotal an deilbh,

Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu a bhuannaich Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn

Bhathar a' moladh ionnsramaidean ciùil neo dannsa a thoirt a-steach am measg eile, ach thuirt Magaidh Choineagan gu bheil am pròiseas sin a' toirt ùine mhòr.

Thuirt i: "Ceum air cheum a tha seo agus 's e a' chiad rud brosnachadh na Gàidhlig.

"Tha goireasan againn a-nis nach robh againn a-riamh roimhe mar Speak Gaelic, cuideachadh bhon t-Sabhal Mhòr agus tha sinn an dòchas gun urrainn dhuinn tòrr den sin a thoirt ri chèile airson a dhèanamh furasta do dhaoine cumail a leasachadh an cuid Gàidhlig."

Tuilleadh air an sgeulachd seo