Strì air fàire mu chrainn-dealain 'son cumhachd uaine

Crainn-dealain ann an Srath ConnonTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh buannachdan mòra a bhith an cois a bhith a' gluasad bho chonnaidhean fosail gu cumhachd ath-nuadhachail mar obraichean ùra, carbadan dealain, plèanaichean air an ruith air bìth-chonnadh agus a bhith cur às do bhoilearan gas.

Ach do chuid a tha a' fuireach ann an sgìrean dùthchail faisg air a' Mhanachainn tha e a' ciallachadh lìonra de chrainn-dealain gach taobh, fo-stèisean mòr ùr agus fuaim air a bheil am "Beauly buzz" a bhios a' cumail cuid gun a bhith a' cadal air an oidhche.

Tha SSEN Transmission, leis a bheil na càballan dealain ann a ceann a Tuath na h-Alba, airson loidhnichean mòra ùra a chur eadar Leòdhas agus a' Mhanachainn, agus gu Gallaibh agus Ceann Phàdraig am measg eile.

Feumaidh na paidhleonan ùra airson an dealan a thoirt fo na h-àiteachan san tèid a chruthachdh tro mheadhan na Gàidhealtachd gu ceann a deas na dùthcha, Sasainn agus a' Chuimrigh far as motha a bhios feum air.

Thòisich co-chomhairleachadh poblach air plana SSEN an lìonra dealain a leudachadh le cuid ag iarraidh cur às dhan phròiseact mura tèid na càballan a chur air slighean eadar-dhealaichte.

Le buidhnean iomairt ionadail a' gearain mu na slighean a chaidh a thaghadh, agus a' ceasnachadh a bheil feum air na loidhnichean, tha SSEN ag ràdh gu feum na riaghaltasan ann an Dùn Èideann agus Lunnainn an cuideachadh le bhith a' mìneachadh carson a tha ceanglaichean ùra a dhìth.