Boireannach air bàsachadh an tubaist an Loch Aillse

Mapa den sgìre
  • Air fhoillseachadh

Chaill boireannach a beatha ann an tubaist air an A87 ann an sgìre Loch Aillse Dimàirt.

Thachair an tubaist, anns an robh Vauxhall Astra geal an sàs, faisg air Inbhir Ìonaid mu 11:10m.

Chaochaill boireannach aois 57, a bha a' siubhal sa chàr, aig làrach na tubaiste.

Chaidh an draibhear, fireannach aois 57, a sgèith gu Ospadal Oilthigh na Bànrigh Ealasaid ann an Glaschu.

Bha an rathad dùinte fad grunn uairean de thìde is dh'fhosgail e às ùr aig 6:30f. Dimàirt.

"Tha ar smuaintean le teaghlach is caraidean a' bhoireannaich a chaill a bheatha", thuirt an Sàirdseant Calum MacAmhlaidh bho Aonad Rathaidean Phoileas Alba.

"Tha an rannsachadh againn a' leantainn gus tuigse fhaighinn air dè thachair.

"Tha sinn ag iarraidh bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic an tubaist no aig a bheil dealbhan dash-cam".

Bu chòir do dhuine sam bith le fiosrachadh fònadh gu Poileas Alba air 101 is àireamh 1126 26/2025 a thoirt seachad.