Aiseag Chille Chòmhain "na sheirbheis riatanach"
- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Chille Chòmhain ann an Àird nam Murchan ag ràdh gum bu chòir an ceangal aiseig aca ri Muile a bhith air a chomharrachadh mar sheirbheis riatanach.
Tha timcheall air 150 duine a' fuireach ann an Cille Chòmhain agus 's e an Gearasdan am baile mòr as fhaisge orra air tìr-mòr, turas rathaid a tha a' toirt mu dhà uair de thìde.
Ach, chan eil Tobar Mhoire ach mu leth uair air falbh is seirbheis aiseig aig CalMac eadar an dà bhaile.
Tha seo a' ciallachadh gu bheil muinntir Chille Chòmhain tric a' dol a Mhuile gus biadh, connadh is seirbheisean slàinte is eile fhaighinn.
Chaidh an aiseag chàraichean àbhaisteach aca - an MV Loch Linnhe - a ghluasad dhan t-slighe eadar Loch Àlainn is Fisnis nas tràithe air a' mhìos air sgàth thrioblaidean ann an lìonra ChalMac, is tha muinntir Chille Chòmhain droch-amharasach gun till i an ath-sheachdain , taobh a-muighmar a bha dùil.
Tha iad a' cumail a-mach gu bheil iad tric a' call seirbheis nuair a tha staing aiseig ann an àiteigin eile, is ged a tha CalMac air seirbheis do luchd-coise a chur air dòigh san eadar-ama, tha muinntir Chille Chòmain ag ràdh nach dèan sin an gnothach.
Tha Olivia Wyness a' ruith café sa bhaile. Tha i ag ràdh nach eil tuigse ann mu cho cudromach 's a tha an t-seirbheis aca ri Muile.
"Tha iad a' coimhead air mapa is a' faicinn gu bheil Cille Chòmhain air tìr-mòr is tha iad a' smaointinn gun urrainn dhuinn a dhol dhan Gheararsdan ach chan eil e cho sìmplidh ri sin.
"Tha seirbheis ann eadar Cille Chòmhain is Tobar Mhoire is tha daoine air am beatha is am bith-beò a stèidheachadh timcheall air.
"Tha dotairean, am fiaclar is bùth-chungaidhean ann an Tobar Mhoire is tha daoine le luchd-dàimh a tha a' cuideachadh le cùram-chloinne.
"'S e seirbheis riatanach a th' ann dhuinn is chan urrainn dhut a dhol às àicheadh sin dìreach air sgàth 's gu bheil an Gearasdan dà uair a thìde air falbh air turas rathaid," thuirt i.
Bidh coinneamh phoblach le ceannardan ChalMac ann an Cille Chòmhain Diardaoin seo tighinn às dèidh do mhuinntir an àite is am BP ionadail Brendan O'Hara a dhol an sàs.
Thàinig taic cuideachd bhon chomhairliche SNP ionadail Sarah Fanet, a thuirt nach eil na trioblaidean leis an t-seirbheis aiseig math gu leòr.
"Ann an Àird nan Murchan tha mòran feumach air ceangal ri Muille 'son seirbheisean fhaighinn is fiù 's obair.
"Tha na rathaidean cugallach is tha an Gearasdan pìos air falbh bho Cille Chòmhain.
"Feumaidh an ceangal aiseig ri Tobar Mhoire a bhith air aithneachadh mar sheirbheis riatanach is a' choimhearsnachd an eisimeil air," thuirt i.
Tha am BBC air beachd iarraidh bho ChalMac.