Seirbheis do luchd-coise thar Chaolas a' Chorrain

Maid of Glencoul
Fo-thiotal an deilbh,

Tha trioblaid ùr ann leis an MV Maid of Glencoul.

  • Air fhoillseachadh

Tòisichidh seirbheis aiseig eile do luchd-coise a-mhàin ann an Loch Abar Disathairne is trioblaidean a' leantainn le Aiseag a' Chorrain.

Bhrist an MV Maid of Glencoul às ùr Diciadain is tha i air a bhith a-mach à seirbheis bhon uairsin.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd, a tha a' ruith na seirbheis, ag ràdh gu bheil feum air einnseanair mara gus an trioblaid a chur ceart.

Thòisich seirbheis aiseig do luchd-coise a-mhàin eadar an Gearasdan is Àird Ghobhar, taobh a-muigh madainn Dihaoine.

Dh'innis a' Chomhairle gun tòisich seirbheis eile do luchd-coise a-mhàin air slighe Aiseag a' Chorrain fhèin bho 06.00m Disathairne.

Bidh an t-seirbheis seo saor an asgaidh is bidh i a' ruith air clàr-ama àbhaisteach Aiseag a' Chorrain.

Tha seo a thuilleadh air an t-seirbheis eile eadar an Gearadan is Camas nan Gall.

Tha mì-thoileachas mòr ann an Loch Abar mu cho briste 's a tha an t-seirbheis air a bhith anns na mìosan mu dheireadh, le draghan mòra mun bhuaidh air an t-sluagh is eaconomaidh na sgìre.

Bha am Maid of Glencoul dìreach air tilleadh gu seirbheis tràth san Ògmhios is i air a bhith briste.

Chan eil am prìomh aiseag, an MV Corran, air ais ann an seirbheis fhathast is feum air pàirt ùr.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gur dòcha nach bi i air ais gu meadhan an Lùnastail.