Bhàsaich 54 muc-mhara air tràigh ann an Leòdhas
Thàinig buidheann de 55 gu tìr ann an Leòdhas.
- Air fhoillseachadh
Bhàsaich 54 muc-mhara an dèidh dhaibh tighinn air tìr ann an Leòdhas tràth madainn na Sàbaid.
Bha seo aig an Tràigh Mhòr ann an Tolastadh bho Thuath.
Thàinig buidhnean eadar-dhealaichte còmhla tron latha ann an iomairt feuch na beathaichean a shàbhaladh.
Fhuair iad air aon bheathach fhaighinn a-mach gu muir a-rithist ach cha ghabhadh cobhair a dhèanamh air a' chòrr.
Tha Comhairle nan Eilean Siar aig iarraidh air daoine gun a bhith a' tadhail air an tràigh agus obair a' leantainn gus dèiligeadh le cuirp nam beathaich.

'S e mucan-mara ceannmhor a bh' annta.
Cha robh ach 15 den bhuidhinn fhathast beò nuair a thàinig iad air tìr aig mu 7:00m Là na Sàbaid.
Dh'fheuch eòlaichean bhon bhuidhinn-chathranais British Divers Marine Life Rescue (BDMLR), a bhios a' feuchainn ris a' leithid de bheathaichean a shàbhaladh ann an suidheachaidhean mar seo, ri aon de na mucan-mara tilleadh dhan mhuir ach cha do shoiribhich leotha.
B' fheudar cur às den fheadhainn a bha air fhàgail air an tràigh às dèidh sin.
A-measg na bha an sàs anns an oidhirp gus cobhair a dhèanamh orra, bha daoine às a' choimhearsnachd, Maor-chladaich Steòrnabhaigh, an t-seirbheis smàlaidh, an SSPCA agus buidheann Sgeama Tràghaidh Chreutairean Mara na h-Alba (SMASS).
Fhuair iad taic cuideachd bho sheirbheis Taic Adhair Sìobhalta le lighichean-spréidh agus eòlaichean mara a' tighinn dhan eilean bho Thìr Mòr.
Nì SMASS a-nis sgrùdadh feuch carson a thàinig iad air tìr.
Dh'fhoillsich am BDMLR oidhche na Sàbaid gun robh coltas ann gun robh tè dhiubh an ìmpis breith.
Tha iad a' smaoinneachadh gun tug sin air a' bhuidheann air fad tighinn air tìr.
Tha a' mhuc-mhara cheannmhor aithnichte airson na dàimhean sòisealta làidir a bhios iad a' cruthachadh agus mar sin dheth, ma bhios aon dhiubh ann an trioblaid agus a' tighinn air tìr gu tric leanaidh càch iad.
Dh'innis fear-labhairt am BDMLR, Dan Jarvis dhan BhBC gu bheil seo am measg nan tachartasan as motha de leithid a chunnaic iad ann an deicheadan.
"Mar as trice cha tig muc-mhara cheannmhor air tìr idir," thuirt e.