"Clach-mhìle" do dh'eaconomaidh na Gàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Thuirt an fheadhainn a th' air cùlaibh sgeama Saor-phort Uaine Inbhir Nis is Linne Chrombaigh gur e "clach-mhìle chudromach" a th' ann gun deach an sgeama a chur gu dol gu h-oifigeil Diluain.
Tha an sgeama a' toirt lasachadh-cìse do chompanaidhean a chuireadh airgead an sàs ann an gnìomhachasan co-cheangailte ri cumhachd na gaoithe is ath-nuadhachail air làraichean air cladaichean Linne Chrombaigh, Inbhir Nis agus Àird nan Saor.
Dh'fhoillsich an Seansalair, Jeremy Hunt, anns a' bhuidseat aige gum maireadh na buannachdan cìse sin deich bliadhna, seach còig bliadhna mar a bha dùil an toiseach.
Tha beachd ann gun cruthaich an sgeama 10,000 cosnadh, agus gun tàl e £3bn dhan eaconomaidh.

Thuirt Àrd-Stiùiriche na buidhne a th' air cùlaibh na sgeama, Calum Mac a' Phearsain, gun tàladh an sgeama aire an t-saoghail chun na sgìre cuideachd.
"'S e clach-mhìle chudromach a th' ann an naidheachd an là an-diugh a dh'ionnsaigh Saor-phort Inbhir Nis is Linne Chrombaigh a stèidheachadh," thuirt e.
"A thuilleadh air an dearbhadh sa Bhuidseat air a' mhìos a chaidh gun deach na buannachdan cìse a leudachadh gu 10 bliadhna, 's e fìor dheagh naidheachd a th' ann don Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, do dh'Alba, agus dhan RA nas fharsainne.
"Còmhla, tha na làraichean-cìse againn, mu 520 heactair uile gu lèir, a' dèanamh suas na sgìre leasachaidh einnseanaireachd uaine as motha san Rìoghachd Aonaichte.
"Tàlaidh na buannachdan a tha rim faighinn ùidh chompanaidhean air feadh an t-saoghail, agus cuiridh iad ri comas na sgìre a dhol na phrìomh hub Eòrpach airson gnìomhachas na gaoithe far-tìre a leasachadh, a thuilleadh air teicneòlasan ath-nuadhachail a tha ceangailte ris," thuirt e.
Thuirt Mgr Mac a' Phearsain gu bheil an sgeama air buannachd a thoirt do dh'eaconomaidh na Gàidhealtachd mar thà, 's pàirt mhòr aige ann an co-dhùnadh na companaidh Iapanaich Sumitomo ionad dèanamh càbaill a leasachadh aig Bàgh an Eig.

Chuir Rùnaire na h-Alba, Alasdair Jack, fàilte air an naidheachd cuideachd.
"'S e clach-mhìle mhòr a tha seo do Shaor-phort Inbhir Nis is Linne Chrombaigh, le lasachaidhean-cìse a' tòiseachadh an-diugh," thuirt e.
"Tha e a' ciallachadh gum faod gnothachasan dha-rìribh teannadh air in-ionmhas, cosnaidhean agus malairt a thoirt a-steach dhan sgìre.
"Thug e oidhirp mhòr dha-rìribh bhon a h-uile duine a tha an sàs faighinn chun na h-ìre seo.
"Tha fhathast mòran obrach ri dhèanamh, ach tha mi gu math toilichte gu bheil sinn mar thà a' faicinn nam buannachdan le companaidhean ùra gam fàilteachadh chun na sgìre," thuirt e.
Ged a tha lasachaidhean-cìse na sgeama rim faotainn bho Dhiluain, tha Cùis Ghnothachais Dheireannach fhathast ri chur ri chèile.
Tha dùil gun tèid sin a chur mu choinneimh Comhairle na Gàidhealtachd sna seachdainnean a tha romhainn.
Thèid an uair sin a chur gu riaghaltasan na h-Alba agus na RA.