Tòraidhean a' gealltainn dìon a chur air airgead phoblach

- Air fhoillseachadh
Thuirt ceannard Thòraidhean na h-Alba gun dèan e sàbhalaidhean mòra ann am buidseat na h-Alba ma bhuannaicheas am pàrtaidh taghadh Holyrood an ath-bhliadhna.
Na òraid aig co-labhairt a' phàrtaidh air an deireadh-sheachdain, dh'aidich Russell Findlay gu bheil obair mhòr ro na Tòraidhean às dèidh dhaibh "an t-slighe a chall" fhad 's a bha iad ann an cumhachd aig Westminster.
Thuirt e gu bheil iad ag èisteachd is gu bheil am pàrtaidh air atharrachadh.
Dh'fhàg Mgr Findlay air riaghaltas an SNP gu bheil iad air "suimean mòra de dh'airgead phoblach a chaitheamh".
Thog e air "sgainneal" nan aiseagan mar eiseimpleir air seo.
Gheall Mgr Findlay a dhol an sàs gus "teip dhearg a ghearradh is smachd a chur air mar a tha airgead poblach ga chosg" tro reachdas ùr air am biodh Achd Sàbhalaidh Luchd-pàighidh nan Cìsean.
Tha Mgr Findlay ag ràdh gun dùineadh na Tòraidhean cuangothan, gun rachadh an àireamh de mhinistearan riaghaltais a lùghdachadh, is gum biodh gearraidhean cuideachd san t-seirbheis chatharra.
Thuirt e gum biodh na gluasadan seo uile a' cur dìon nas fheàrr air airgead luchd-pàighidh nan cìsean is gun rachadh £650m a shàbhaladh.
A thaobh nan aiseagan, gheall e gun togadh na Tòraidhean sreath de bhàtaichean ùra.
Le Bile nan Cànanan Albannach gu bhith ga dheasbad aig an treas ìre aig Holyrood Dimàirt, thuirt Mgr Findlay gur e "pàirt luachmhor de dhualchas na h-Alba" a tha sa Ghàidhlig.
Thuirt e ge-tà, gu bheil còmhraidhean a' leantainn a thaobh ciamar a bhòtas na Tòraidhean air a' bhile Dimàirt.
Thàinig rabhadh bho Mhr Findlay cuideachd mun phàrtaidh Reform.
Thuirt e gur iad an SNP a gheibh buannachd à bhòtaichean 'son Reform agus gur iad na Tòraidhean a-mhàin a tha comasach air "crathadh a thoirt air poileataigs na h-Alba".