Malaig gu Loch Baghasdal
- Air fhoillseachadh

'S e an Lord of the Isles a bhios a' frithealadh na slighe
Dhearbh Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, gum bi aiseag a' ruith eadar Malaig agus Loch Baghasdal fad trì bliadhna tron Gheamhradh mar sgeama dearbhaidh.
Tha iomairt mhòr air a bhith a' dol ann an Uibhist fad bhliadhnaichean airson seirbheis a Mhalaig, 's luchd-strì a' cumail a-mach gur e sin as goireasaiche dhaibh-san.
Tha dùil gur e an am bàt-aiseig an Lord of the Isles a bhios a' frithealadh na slighe.
Dà là
Bidh an t-seirbheis a' ruith dà là anns an t-seachdain - le tè de na seirbheisean sin aig an deireadh-sheachdain.
Tòisichidh an t-seirbheis ùr ann am meadhan na Samhna - agus bidh i a' ruith suas chun a' Ghiblein.
Cha bhi seirbheis ann fad trì seachdainnean sa Ghearran ge-tà, fhad 's a bhios an Lord of the Isles a' dol an àite aiseagan eile air am feumar obair-càraidh a dhèanamh.
Leanaidh na seirbheisean aiseig a bh' ann co-dhiù eadar Loch Baghasdal agus an t-Òban.
Thèid measadh a dhèanamh air mar a chaidh dhan t-seirbheis ùir nuair a thig an sgeama dearbhaidh gu ceann às dèidh trì bliadhna.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 An Dùbhlachd 2012