Eas-aonta aig Bòrd na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh

Thòisich Iain Caimbeul san obair sa Mhàirt.
Tha e air tighinn am follais gu bheil troimhe chèile air a bhith am measg luchd-obrach aig àrd ìre ann am Bòrd na Gàidhlig mun t-slighe air adhart dhan bhuidhean.
Dh'innis am Bòrd an-dè gu robh Ceannard - no àrd-oifigear - na buidhe, Iain Caimbeul, air a dhreuchd fhàgail an deidh dìreach trì mìosan san obair.
Thuirt iad gun leig Mgr Caimbeul dheth a dhreuchd "air sgàth adhbharan pearsanta" 's gu robh e a' falbh anns a' bhad.
Cha toireadh am Bòrd an còrr mìneachaidh seachad, ach a rèir fiosrachaidh a fhuair am BBC tha cùisean air a bhith doirbh am measg luchd-obrach a' Bhùird.
Cha chanadh Iain Caimbeul fhèin càil mun t-suidheachadh.
Ann an agallamh le BBC Alba agus Radio nan Gàidheal, thuirt cathraiche a' Bhùird, Ailean Dòmhnallach, gur e "adhbharan pearsanta" am mìneachadh a thug Iain Caimbeul dhaibh airson a dhreuchd fhàgail gu h-obann agus gu feumadh am Bòrd gabhail ris an adhbhar sin.
Còmshtrì
Ach nuair a chaidh faighneachd dhà an robh còmshtrì agus eas-aonta air a bhith anns an sgioba, cha deach e idir às àicheadh sin.
Thuirt Mgr Dòmhnallach gun robh strì mar sin anns a h-uile buidhean agus gu robh e ann am Bòrd na Gàidhlig cuideachd.
"Ann am buidhean sam bith tha dùbhlain ann eadar daoine a bhith ag obrachadh còmhla, chan eil e gu diofar dè an seòrsa buidhean a th'ann, agus bhiodh e na iongnadh mur a biodh dùbhlain gan t-seòrsa sin mu choinneamh Bòrd na Gàidhlig.
"Ach chan eil iad sin a' ceangal ann an dòigh sa bith ris an rud a tha Iain ag innse dhuinne a tha na adhbhar dha am Bòrd fhàgail," thuirt Mgr Dòmhnallach.
Ailean Dòmhnallach a' bruidhinn air Aithiris na Maidne
Tha Ailean Dòmhnallach fhèin air dleastanasan a' Cheannaird a ghabhail thairis anns an eadar-ama gus an coinnich am Bòrd an ath-sheachdainn airson an t-slighe air adhart a dhearbhadh.
Nuair a bha duilgheadasan aig a' Bhòrd bho chionn beagan bhliadhaichean chaidh sgioba-stiùiridh a thoirt a-steach airson cùisean a rèiteach.
Chaidh Jo NicDhòmhnaill, Dòmhnall Màrtainn agus Ùisdean Mac'Illinnein fhastadh airson a bhith os cionn chùisean agus dèiligeadh ri atharrachaidhean ann an structair agus modhanan-obrach a' Bhùird.
Nuair a chaidh faighneachd do Mhgr Dòmhnallach an robh cunnart ann gun tachradh sin a-rithist, thuirt e nach robh e cinnteach gur e "cunnart" a bhiodh ann.
"Bi e an urra ris a' Bhòrd comhead ri de an dòigh anns a bheil iad ag iarraidh gluasad air adhart agus thèid molaidhean mun coinneamh an ath-sheachdainn aig a' choinneamh aca airson coimhead air dè na dòigh as fheàrr agus as èifeachdaiche son obair a' Bhùird a chumail a'dol.
"Tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth còmhla ri Sgioba Stiùiridh a' Bhùird gus modhan-obrach a chur air chois a nì cinnteach gun lean obair na buidhne air stèidh chunbhalach gus an tèid Ceannard ùr a chur an dreuchd.
"Faodaidh mi a ràdh ge-tà, gu bheil na h-aon amasan is cinn-uidhe aig a' Bhòrd agus gun cùm sinn oirnn ag obair a dh'ionnsaigh nam prìomh amasan sa Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig", thuirt Mgr Dòmhnallach.
Cathraiche
Dh'innis am Bòrd san Dùbhlachd an-uiridh gum biodh an Caimbeulach a' dol na cheannard.
Thòisich e san obair sa Mhàirt.
Bha e roimhe na chathraiche air Bòrd na Gàidhlig.
Às dèidh dha tòiseachadh ann an obair a' cheannaird, dh'fhoillsich e ro-innleachd ùr dhan Ghàidhlig.
Dh'innis e air a' mhìos a chaidh gun robh e an dòchas gum biodh 100,000 duine a' bruidhinn na Gàidhlig an ceann deich bliadhna eile.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An Dùbhlachd 2014