Buidheann slàinte ùr an Gallaibh
- Air fhoillseachadh

Dh'innis NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad gus buidheann ùr a stèidheachadh gus coimhead air mar a ghabhas seirbheisean a leasachadh aig ionad màthaireil ùr ann an Ospadal Ghallaibh.
Bidh buill den phoball air a' bhuidhinn ùir.
Tha am bòrd-slàinnte direach air gluasad gu siostam ùr le ionad màthaireil coimhearsnachd aig Ospadal Ghallaibh air a stiùireadh le mnathan-glùine, seach an t-seirbheis a bh' ann le àrd-dhotairean.
Thàinig sin às dèidh bàs phàiste ann an 2015 is rannsachadh air faighinn gum faodadh am bàs a bhith air a sheachnadh.
Trioblaidean
Bha trioblaidean cuideachd aig a' bhòrd-shlàinte àrd-dhotairean a thàladh dhan sgìre.
Fon t-siostam ùr, thèid cùis sam bith nuair a dh'fhaodadh trioblaid a bhith aig boireannach a ghluasad a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Chaidh siostam den leithid a chur an sàs mar-thà ann an ceàrnaidhean eile den Ghàidhealtachd.
Tha dragh air luchd-iomairt gum bi aig tòrr a bharrachd dhaoine siubhail a dh'Inbhir Nis bho seo a-mach.
Measadh
Nì a' bhuidheann ùr a bhios ann measadh air mar a tha an siostam ùr ag obair, is mar a ghabhas a leasachadh.
A bharrachd air buill den t-sluagh, tha NHS na Gàidhealtachd an dòchas gum bi riochdairean bho Sheirbheis nan Carbadan Èiridinn air a' bhuidhinn cuideachd.
Coinnichidh iad 'son a' chiad turas Dimàirt an 28mh den Ghearran nuair a thèid obair is ballrachd na buidhne aontachadh.
Dh'iarr am bòrd-slàinte air duine sam bith le ùidh ann a bhith a' dol air a' bhuidhinn fios a chur orra.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An t-Samhain 2016
- Air fhoillseachadh18 An t-Samhain 2016