"Dìth fianais" mu chunntasan Colaisde a' Chaisteil

Stephen BoyleTùs an deilbh, Pàrlamaid na h-Alba
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Àrd-neach Sgrùdaidh na h-Alba nach tug Colaisde a' Chàisteil fianais seachad mar a bha còir ann an co-cheangal ris an luach a chuir iad air an earrann aca de Chnoc Soilleir Earranta (CSE).

Bha Stephen Boyle a' toirt fianais do Chomataidh an Sgrùdaidh Phoblaich aig Pàrlamaid na h-Alba madainn Diciadain.

Bha an seisean ann is Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba air teagamh a thogail roimhe mu na cunntasan, taobh a-muigh aig Colaisde a' Chaisteil 'son 2022/23, is iad ag ràdh nach do lean iad ìrean cunntasachd a thaobh na h-earrainn aca ann an CSE.

Chaidh a' cholaiste ann an co-bhanntachd còmhla ri Ceòlas Uibhist ann an 2019 airson CSE a stèidheachadh.

Mhol luchd-sgrùdaidh dhan cholaiste gum bu chòir dhaibh earrann £4.7m de luach CSE a chur anns na cunntasan airson 2022/23.

Cha do dh'aontaich manaidsearan na colaiste ri sin agus b' e earrann luach £1 a chaidh dha na cunntasan.

Chaidh Colaisde a' Chaisteil còmhla ri dà cholaiste eile bhon Ghàidhealtachd ann an 2023 agus stèidhichear UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall.

Thuirt an UHI roimhe gur e sgaradh bheachd mu luach earrann na colaiste ann an CSE a th' air cùlaibh an t-suidheachaidh.

Dh'innis neach-gairm Comataidh an Sgrùdaidh Phoblaich, Ridseard Leonard BPA, aig toiseach an t-seisein Dimàirt gun robh iad air litir fhaighinn anns na làithean mu dheireadh bho Lydia Rohmer, Prionnsabal UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall.

Thuirt Mgr Leonard gun robh coltas ann san litir nach eil an UHI den bheachd fhathast gun robh an luchd-sgrùdaidh ceart, is gun robh an litir a' togail air "measadh teicnigeach" a rinn iad mu luach na h-earrainn, is gun robh a' cholaiste air "seasamh ciallach" a ghabhail.

Fhreagair Mgr Boyle nach e rud neo-àbhaisteach a bh' ann gum biodh diofar bheachdan ann mu chunntasan.

'S e an rud a tha neo-àbhaisteach, thuirt e, nach deach fianais gu leòr a thoirt seachad le Colaisde a' Chaisteil 'son taic a chur ris a' bheachd aca.

"Tha e soilleir gu bheil eas-aonta ann a thaobh cunntasachd, ach dhomhsa 's e sgeulachd an là nach robh fiosrachadh mionaideach bhon cholaiste airson taic a chur ris a' bheachd aca.

"'S e suidheachadh neo-àbhaisteach a th' ann nuair a tha buidheann air a bhith gu math soilleir mun bheachd a th' aca, ach chan eil iad an uairsin air fianais gu leòr a thoirt seachad gus am beachd sin a mhìneachadh."

Chuala buill na comataidh cuideachd gu bheil rùn ann an suidheachadh a chur ceart.

Chaidh innse cuideachd gun robh cunntasan na colaiste ochd mìosan air dheireadh air a' cheann-uine airson an cur fà chòmhair na Pàrlamaid.