"Bu chòir sgoil Ghàidhlig a bhith an Earra-Ghàidheal"

  • Air fhoillseachadh
An t-ÒbanTùs an deilbh, Iain MacIlleathain

Thuirt ceannard Poileasaidh Gàidhlig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gum bu chòir sgoil Ghàidhlig a bhith san sgìre is gu bheil e an dòchas gun tachair e fhathast.

Dh'innis an Comh. Robin MacMhuirich ge-tà, nach urrainn dhan Chomhairle a dhol air adhart le sgoil Ghàidhlig san Òban aig an ìre seo.

Cho-dhùin comhairlichean Dimàirt nach rachadh iad air adhart le co-chomhairle air sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh.

Seach sin, chuir iad taic ri moladh iar-cheannard ùr le dleasdanas sònraichte airson na Gàidhlig fhasdadh airson Bun-Sgoil Achadh na Crèige san Òban, far a bheil aonad Gàidhlig mar-thà.

Buille

Thuirt pàrantan a th' air a bhith a' strì airson sgoil Ghàidhlig san Òban gur e briseadh-dùil mòr dhaibh a bh' ann.

Bha na pàrantan air sgrùdadh a chur air dòigh iad fhèin a thuirt gu bheil taic làidir ann 'son sgoil Ghàidhlig san sgìre.

Thuirt an Comh. MacMhuirich gu bheil cus chnapan-starra ann an-dràsta.

"Bu thoigh leamsa an-diugh gum biodh sinn ag ràdh gun robh sinn a' dol a bhith a' togail sgoil Ghàidhlig ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, ach cha robh e soirbh sin a chur ron chomataidh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Andreas Wolff a' còmhradh ris a' Chomh. Robin MacMhuirich.

"Thàinig oifigich na Comhairle air aghaidh le mòran cheistean. Dè tha seo a' dol a bhith a' cost? Cò às a tha an t-airgead sin a' tighinn? Càite bheil sinn a' dol a dh'fhaotainn tidsearan airson na sgoile sin?

"Bha mòran ann a bha iad a' ceasnachadh agus aig deireadh an là, cha mheanndadh sinn taic a chur ri sin an-diugh", thuirt e.

Dh'aontaich comhairlichean cuideachd gum biodh iad deònach tilleadh dhan chuspair nam biodh atharrachadh susbainteach ann.

Dòchas

"S e aon rud, nan robh Riaghaltas na h-Alba ag ràdh 'pàighidh sinne airson sgoil ùir Ghàidhlig ann an Earra-Ghàidheal is Bòid'. Nan robh iad ag ràdh sin, mheanndaidh sinn amharc air seo a-rithist", thuirt an Comh. MacMhuirich.

Dh'innis e cuideachd gu bheil e dòchasach gun dèan iar-cheannard le dleastanas airson na Gàidhlig aig Bun-Sgoil Achadh na Crèige feum mòr.

Is thuirt an an Comh. MacMhuirich nach eil co-dhùnadh na seachdain seo idir a' ciallachadh nach bi sgoil Ghàidhlig san sgìre.

"Bu chòir sgoil Ghàidhlig a bhith an seo. Tha mi an dòchas gun tachair seo anns na bliadhnaichean ri tighinn", thuirt e.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh