Dàil air co-dhùnadh nan leabharlann
- Air fhoillseachadh

Chuir Comhairle nan Eilean Siar dàil air co-dhùnadh a thaobh atharrachadh a thoirt air seirbheis nam bhanaichean leabharlainn.
Bha molaidhean air a dhol air beulaibh na Comhairle is an t-ùghdarras an dòchas £177,000 a shàbhaladh le crathadh a thoirt air an t-seirbheis.
Am measg nam molaidhean, bha oifigich ag ràdh nach biodh na bhanaichean ann tuilleadh agus gum biodh leabharlannan beaga ann air an ruith leis a' choimhearsnachd.
Draghan
Bhiodh feadhainn a' ruith nan leabharlann gu saor-thoileach, a dh'fhaodadh a bhith stèidhichte ann an goireasan mar bhun-sgoiltean, le taic bhon Chomhairle.
Tha cuid air draghan a nochdadh ge-tà, gum biodh e duilich do chuid ann an sgìrean nas iomallaiche faighinn dha na leabharlainn ùra.
Tha a' Chomhairle a-nise air co-dhùnadh a chur dheth rè-ùine gus an dèan iad an tuilleadh cho-chomhairle.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An Dùbhlachd 2018