Soilleireachadh a dhìth a thaobh aiseagan ùra
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh soilleireachadh bho Riaghaltas na h-Alba air cuine a bhios dà aiseag ùr a tha Gàrradh MhicFheargais air Abhainn Chluaidh a' togail deiseil.
Bidh tè de na h-aiseagan, an MV Glen Sannox, a' dol eadar Tìr-Mòr is Eilean Arainn, is bidh an aiseag eile a' frithealadh air an Eilean Sgitheanach, na Hearadh, is Uibhist a Tuath.
Tha an dà bhàta fada air dheireadh ri linn na staing ionmhais aig Gàrradh MhicFheargais.
Air a' cheann thall, chuir Riaghaltas na h-Alba an gàrradh dhan roinn phoblaich.
Gheall an Riaghlatas fiosrachadh a bharrachd mu chlàr-ama 'son nan aiseagan san Dàmhair.
Ceistean
Aig coinneimh shònraichte mu chòmhdail Diardaoin, thog Comhairle nan Eilean Siar dragh nach do nochd am fiosrachadh sin fhathast.
"Tha dùil aig a' Chomhairle sgrìobhadh gu Rùnaire na Còmhdail 'son beagan mìneachaidh fhaighinn dè tha a' tachairt", thuirt Cathraiche Còmhdhail na Comhairle, Ùisdean Robasdan.
"Chuala sinn bho fheadhainn a tha a' dol seachad air a' ghàrradh gu bheil tòrr obrach a' dol air adhart, agus thuirt Còmhdail Alba fhèin rinn gun robh an luchd-obrach air obrachadh suas gu ìre gu math nas àirde a-nise.
"Tha sinn a' toirt beagan dòchais dhuinn, ach bhiodh e math clàr-ama fhaighinn a thaobh cuine bhios an dà aiseg deiseil", thuirt e.
Thuirt an Comh. Robasdan gu bheil seirbheisean aiseig cho trang is gu bheil e deatamach gun tèid na bàtaichean a chrìochnachadh cho luath 's a ghabhas.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 An t-Sultain 2019
- Air fhoillseachadh12 An Lùnastal 2019