Leudachadh am foghlam Gàidhlig sna h-Eileanan

  • Air fhoillseachadh
Pàiste

Dhearbh Comhairle nan Eilean Siar gum bi gach pàiste a thèid dhan bhun-sgoil anns an sgìre a' dol gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig bho seo a-mach, mura bi iarrtas air a dhèanamh gur ann gu foghlam Beurla a thèid iad.

Tòisichidh seo anns an t-Samhradh.

Bha am moladh air nochdadh ann an aithisg bhon Chomhairle an-uiridh.

Tha e a' dol calg-dhìreach an aghaidh mar a bha an siostam ag obair thuige seo.

Ann an litir gu ceannardan-sgoile, thuirt Ceannard Foghlaim na Comhairle, Bernard Siosalach, gu bheil còrr is 50% de chloinn ann an Clas 1 ann an tòrr de sgoiltean nan Eilean a-nise a' dol tro fhoghlam Gàidhlig.

Fiosrachadh

Mhìnich e gu bheil an t-ùghdarras airson leudachadh a thoirt air an àireimh sin gus a' Ghàidhlig a ghlèidheadh, agus gus am bi buannachdan dà-chànanas aig gach pàiste.

Thuirt e gum bi feum air na buannachdan sin a mhìneachadh do phàrantan.

Tòisichidh sin le coinneimh shònraichte aig e-Sgoil an ath-sheachdain.

Thuirt ceannard e-Sgoil, Aonghas MacIllinnein, gum bi panal de dh'eòlaichean aca a dh'innseas mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Agallamh le Aonghas MacIllinnein bho e-Sgoil.

Bidh cothrom an uairsin aig daoine ceistean a chur orra.

Dh'innis Mgr MacIllinnein dè tha air cùl a' phoileasaidh ùir.

"Gu ìre, tha sinn a' dèanamh rud a tha am poball ag iarraidh oirnn. Tha a' mhòr-chuid de mhuinntir nan Eilean Siar a-nise air roghnachadh an cuid chloinne a chur tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a' chiad bhliadhna.

"Bha sinn faisg air 50% an-uiridh agus a rèir nan àireamhan a tha air tighinn thugainn thuige seo airson an fheadhainn a tha a' tighinn a-steach anns an t-Samhradh seo tighinn, bidh còrr math is 50% a' dol gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt e.

A rèir Mhgr MhicIllinneinn, 's e co-ionnanachd a tha sa phoileasaidh.

"Ron seo, dh'fheumadh tu a ràdh gun robh thu a' roghnachadh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig dhan chloinn.

Taghadh

"A-nise seach gum bi e a' dol seachad air 50%, tha a' chùis air car a chur far am feum an fheadhainn a tha ag iarraidh foghlaim Beurla - is tha làn-chothrom aca sin a dhèanamh ma 's e sin a tha iad ag iarraidh - an cuid chloinne a chur do dh'fhoghlam tro mheadhan na Beurla.

"Air dòigh 's e co-ionnannachd a th' ann," thuirt e.

Dh'innis Mgr MacIllinneinn gu bheil a' Chomhairle a' tuigsinn gum bi ceistean air cuid de phàrantan, is thuirt e gum faigh iad am fiosrachadh a tha a dhìth orra.

Thuirt e gu bheil e dòchasach gum bi tidsearan gu leòr aig a' Chomhairle airson dèiligeadh ri leudachadh ann am foghlam Gàidhlig, is gu bheil clann a th' anns an sgoil an-dràsta a' faicinn gu bheil na cothroman cosnaidh aca nas fheàrr ma tha iad dà-chànanach.

Thuirt e gur dòcha gum brosnaich sin fhèin barrachd dhiubh a dhol nan tidsearan Gàidhlig air a' cheann thall.

Bidh coinneamh e-Sgoil ann Dimàirt seo tighinn aig 7:00f.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh