Ceannard ùr air pròiseact an ospadail ùir an Loch Abar

  • Air fhoillseachadh
Ospadal a' Bhelford

Dh'fhoillsich NHS na Gàidhealtachd sgioba-stiùiridh ùr 'son pròiseact gus seirbheisean slàinte agus cùram slàinte ann an sgìre Loch Abair a leasachadh.

Tha seo a' tighinn is draghan air a bhith san sgìre mu dhìth adhartais leis a' phròiseact 'son ospadal ùr a thogail sa Ghearasdan.

Chan eil clàr-ama cinnteach ann fhathast ge-tà, air cuine bhios ospadal ùr ann.

Dh'innis am bòrd-slàinte gum bi Àrd-Oifigear nan Seirbheisean Coimhearsnachd aca, Louise Bussell, os cionn an t-structair ùir le taic bho Stìuiriche nan Oighreachdan aca, Ailean MacUilleim.

Bidh iad ag obair còmhla ri feadhainn a th' aig àrd ìre ann an seirbheis na slàinte ann an Loch Abar fhèin.

Cothrom

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gum bi coinneamh ann gach mìos is gum faigh muinntir na sgìre cothrom beachdachadh air cùisean.

Nam measg, thuirt iad, bidh an clàr-ama 'son an ospadail ùir.

Tha mì-thoileachas air a bhith ann mun phròiseact sin is feadhainn air dragh a thogail gur dòcha nach tèid ospadal ùr a thogail idir.

San Dàmhair, chuir ceathrar luchd-iomairt às an sgìre litir gu NHS na Gàidhealtachd is iad a' faighneachd carson a bha dàil sa phròiseact.

Thuirt an Dr Mìcheal Foxley, an Dr Chris Robinson, Mgr John Hutchison agus Mgr David Sedgwick, gun do thòisich còmhradh mu ospadal ùr cho fada air ais ri 1990.

Dh'innis iad gun robh adhartas sam bith a bh' ann caillte.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd aig an àm gun tàinig orra stad a chur air tòrr de na planaichean aca fhad 's a bha glasadh a' chorona-bhìorais an sàs, ach gun robh iad ag obair gus pròiseact an ospadail ùir a thoirt air adhart.

Goireasan

Tha iad ag ràdh a-nise gu bheil iad an dòchas gum bi e comasach planaichean agus clàr-ama a chur air adhart a dh'aithghearr.

"Choinnich sinn an t-seachdain seo chaidh le feadhainn bhon bhuidhinn a tha a' coimhead ri ath-dhealbhachadh a dhèanamh air seirbheisean slàinte ann an Loch Abair," thuirt Louise Bussell.

"Thàinig sin às dèidh coinneimh a bh' againn le ceannard NHS na Gàidhealtachd, Pam Dudek, san t-Samhain nuair a dhearbh i gun tèid barrachd ghoireasan a chur mu choinneamh a' phròiseict.

"Bidh coinneamhan againn gach mìos is nì sin cinnteach gum faigh daoine às an sgìre cothrom beachdachadh air gnothaichean cudromach, mar a' chlàr-ama a bhios ann 'son ospadail ùir a thèid an àite Ospadal a' Bhelford.

"Chuala sinn mun obair-deasachaidh a th' air a bhith ann thuige seo is chaidh aontachadh gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh an toiseach, is gum bi e comasach dhuinn an uairsin planaichean nas mionaidiche agus clàr-ama a chur air adhart," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo