Sgoil Ghàidhlig ann an Canada
- Air fhoillseachadh
Thèid bun-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Canada mar phàirt de leasachadh aig Colaisde na Gàidhlig ann an Ceap Breatainn.
Thathas an dòchas gum fosgail an sgoil, air am bi Taigh Sgoile na Drochaid, ann am Màbu san t-Sultain am-bliadhna.
'S e a' chiad sgoil Ghàidhlig a bhios ann an Aimeireaga a Tuath.
Thàinig dearbhadh 's Riaghaltas Alba Nuaidh a' toirt seachad cha mhòr $2m 'son dàrna campas de Cholaisde na Gàidhlig a leasachadh ann am Mabù.
'S e Prìomhaire ùr Alba Nuaidh, Iain MacFhraing, a dh'fhoillsich an taic is e a' tadhal air a' bhaile aig an deireadh-sheachdain.
Bidh an làrach ùr stèidhichte ann an togalach ann am meadhan Mhàbu a bha fad bhliadhnaichean na thaigh-cràbhaidh, 's a chaidh a cheannach le Colaisde na Gàidhlig bho chionn dà bhliadhna.
'S e Beinn Mhàbu a bhios air bho seo a-mach.
Cùrsaichean
Am measg eile, thèid cùrsaichean aig ìre oilthigh a thabhainn ann an cultar is eachdraidh na Gàidhlig, ceòl agus stiùireadh thachartasan. Bidh ceangal ann ri Oilthigh Cheap Breatainn.
Thèid steisean radio Gàidhlig a stèidheachadh aig Beinn Mhàbu le podcastan is ceòl tradiseanta, is bidh an làrach cuideachd na dachaigh do luchd-ealain.
Tha buidheann-obrach fa leth ag obair air pròiseict na bun-sgoile is Colaisde na Gàidhlig is Comhairle na Gàidhlig a' cur taic ris.
Thuirt leas cheann-suidhe Bheinn Mhàbu, Coinneach MacCoinnich, gu bheil iarrtas ann.
"Tha pàranatan mun cuairt air an sgìre is tha iad a' feuchainn ri Gàidhlig a chumail ris a' chloinn aca is tha mi a' smaointinn gur e àm mhath a th' ann seo a thòiseachadh", thuirt Mgr MacCoinnich.
"'S e sgoil bheag a bhios ann ach tha mi a' smaointinn gu bheil gu leòr le ùidh sa ghnothach.
"Tha a h-uile sian a' tuiteam ri chèile agus 's e pìos mòr a th' ann an taic a tha seo fhaighinn", thuirt e.
Mhìnich Mgr MacCoinnich cuideachd gu bheil na h-uidhir aca fhathast ri dhèanamh eadar seo is an t-Sultain.
Ath-bheothachadh
Chan eil ann ach beagan sheachdainnean bho chaidh Iain MacFhraing a dhearbhadh mar Phrìomhaire Alba Nuaidh. 'S ann à Mabu fhèin a tha Mgr MacFhraing bho thùs.
"Cuidichidh an t-airgead seo gus cànan, cultar is fèin-aithne na Gàidhlig a ghlèidheadh is a bhrosnachadh", thuirt Mgr MacFhraing.
"Tha e a' togail air obair mhòir a rinneadh mar-thà a thaobh ath-bheothachadh na Gàidhlig aig a' cholaisde, san eilean agus anns na coimhearsnachdan", thuirt e.
'S e fear eile a bha roimhe na phrìomhaire, Ruairidh Dòmhnallach, an ceann-suidhe air Colaisde na Gàidhlig.
Chuir Mgr Dòmhnallach fàilte mhòr air an taic cuideachd is e ag ràdh gum bi a' Ghàidhlig aig cridhe an leasachaidh air campas ùr na colaiste.
Thuirt e cuideachd gum bi buannachdan mòra ann do sgìre Mhàbu san fharsaingeachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh16 Am Màrt 2021
- Air fhoillseachadh8 An Gearran 2021