Adhartas le Sgoil Mhàbu

  • Air fhoillseachadh
Beinn MhàbuTùs an deilbh, Colaisde na Gàidhlig
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh an sgoil ùr stèidhichte aig Beinn Mhàbu.

Chaidh innse gum bi cultar na Gàidhlig agus eòlas ionadail aig cridhe an ionnsachaidh aig a' chiad sgoil Ghàidhlig ann an Aimeireaga a Tuath.

Fosglaidh Taigh Sgoile na Drochaide ann am Màbu ann an Ceap Breatainn san t-Sultain.

Bidh an sgoil ùr stèidhichte aig Beinn Mhàbu, làrach ùr aig Colaisde na Gàidhlig sa bhaile.

Thuirt an fheadhainn a tha air cùl na sgoile gum bi an teagaisg stèidhichte gu ìre mhòir air feallsanachd Montessori.

Cultar

"Bha sinn gu math deònach sgoil bogaidh a dhèanamh ach bha sinn gu math deònach rudeigin a bharrachd air a' chànan a dhèanamh", dh'innis Coinneach MacCoinnich, a th' air buidheann-obrach Taigh Sgoile na Drochaide.

"Bha sinn airson na sgoilearan a bhith an sàs sa chultar agus sa choimhearsnachd agus a bhith ag ionnsachadh dè ciall 's a tha e a bhith nad Ghàidheal.

"Ag ionnsachadh mu chultar an dannsa, na h-òrain, is dìreach na creideamhan a th' againn a thaobh a bhith ag obair, a' fàs bìdh, is gu math dlùth ris a' choimhearsnachd agus an àrainneachd mun cuairt oirnn fhin", thuirt e.

Thuirt Mgr MacCoinnich gun robh iad a' coimhead ri diofar dhòighean-teagaisg is gun robh feallsanachd Montessori gu math tarraingeach.

Modail

Dh'innis e gu bheil iad air a bhith ag obair còmhla ri sgoil Inuit ann an Nunavut ann an ceann a tuath Chanada far a bheil na modhanan seo air an cleachdadh.

Thuirt e gu bheil a h-uile coltas ann gur e deagh mhodail a th' ann airson na sgoile ùir ann am Màbu.

'S e sgoil an ìre mhath neo-eisimileach a bhios ann an Taigh Sgoile na Drochaide agus airgead ga thogail an-dràsta.

Dh'innis Mgr MacCoinnich gum bi mu $100,000 a dhìth is gu bheil an iomairt air tòiseachadh gu math.

Ùidh

Tha e ag ràdh cuideachd gun deach ùidh mhòr a shealltainn san sgoil le pàrantan.

"Tha agus air diofar adhbharan. Cuid dhiubh, tha iad gu math deònach gum bi a' chlann aca a' fàs suas ann an Gàidhlig.

"Cuid eile, tha ùidh aca ann am Montessori no dìreach a bhith an sàs ann an cultar, no suidheachadh mar seo far a bheil na clasaichean gu math beag.

"Dìreach a h-uile sian a tha sinn a' feuchainn ri cur air adhart leis an sgoil, tha e coltach gu bheil pàrantan gu math deònach air", thuirt e.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh