A' chiad sgoil Ghàidhlig ann an Canada a' fosgladh

  • Air fhoillseachadh
Taigh Sgoile na DrochaideTùs an deilbh, Taigh Sgoile na Drochaide

Fosglaidh a' bhun-sgoil Ghàidhlig ùr ann an Ceap Breatainn Dimàirt.

'S i an sgoil ann am Màbu a' chiad sgoil Ghàidhlig ann an Aimeireaga a Tuath.

Thugadh Taigh Sgoile na Drochaide air an sgoil ùir, is i a' tighinn gu buil às dèidh iomairt bho phàrantan.

'S e sgoil neo-eisimeileach a th' innte is an fheadhainn a tha ga ruith ag ràdh gum bi i freumhaichte sa choimhearsnachd agus san àrainneachd mun cuairt.

Tha an sgoil stèidhichte ann am Beinn Mhàbu, togalach ann am meadhan Mhàbu a bha fad bhliadhnaichean na thaigh-cràbhaidh, 's a chaidh a cheannach le Colaisde na Gàidhlig bho chionn dà bhliadhna.

'S e sgoilearan ann an clas a h-aon a bhios ann aig an ìre seo, is dùil gun tig fàs air an sgoil anns na bliadhnaichean ri thighinn mar a thèid iadsan air adhart is sgoilearan ùra a' tighinn a-steach.

'S i Eamag Dhòmhnullach à Gleann nam Màgan ann an Ceap Breatainn a chaidh fhastadh mar thidsear.