Aiseagan nan "sgainneal nàiseanta"
- Air fhoillseachadh
Thuirt Ceannard nan Làbarach an Alba, Anas Sarwar, gur e "sgainneal nàiseanta" a th' ann an mar a tha Riaghaltas na h-Alba a' dèiligeadh ri aiseagan.
Tha seo a' tighinn an dèidh do Ghàrradh MhicFhearghais am Port Ghlaschu call a-mach air obair airson dà aiseag ùr a thogail do ChalMac airson slighe Ìle.
A' bruidhinn aig Holyrood na bu tràithe, thog Mgr Sarwar cuideachd air na trioblaidean a tha an dèidh a bhith aig Gàrradh MhicFhearghais a' togail dà aiseag eile do ChalMac, a bhios gu math fadalach agus mòran nas cosgaile na bhathas an dùil.
"Maslach"
Thuirt e gun robh an suidheachadh maslach:
"Chan eil ro-innleachd aig an Riaghaltas airson seirbheisean a leudachadh, chan eil cabhlach aca airson iarrtasan na h-Alba a choileanadh agus chan eil plana aca airson an trioblaid a chur ceart."
Bha e ag ràdh gu bheil feum air modail ùr.
Thuirt e gu bheil gu leòr phròiseictean a' dol airson obair a chumail ri Gàrradh MhicFhearghais nam biodh cùisean air an ruith gu ceart.
Dh'iarr e air a' Phrìomh Mhinistear pròiseas tairgse aisgean Ìle a stad agus cur às de CMAL.
'S ann le CMAL a tha na h-aiseagan, puirt agus bun-structar eile a tha CalMac a' cleachdadh.
Nicola Sturgeon
Thuirt am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon:
"Nam biodh sinn air comhairle Anas Sarwar a ghabhail, cha bhiodh sinn air Gàrradh MhicFhearghais a shàbhaladh."
Bha i ag ràdh cuideachd:
"Cumaidh sinn oirnn a' cur taic ris a' ghàrradh agus an luchd-obrach an sin agus nì sinn ar dìcheall airson dèanamh cinnteach gum bi e comasach dhaibh cùmhnantan a bhuannachadh anns an àm ri teachd".
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh15 An t-Sultain 2021