Adhartas an Siorrachd Rinn Friù an Ear
- Air fhoillseachadh
Dh'innis Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear gu bheil iad air gluasad chun na dàrna ìre de sgrùdadh air planaichean airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh san sgìre.
Chan eil FTMG ann an Shiorrachd Rinn Friù an Ear aig an ìre seo, is bha briseadh-dùil aig pàrantan ann an 2017 nuair a chaidh tagradh a rinn iad a dhiùltadh aig a' chiad ìre.
Tha cuid de chloinn às an sgìre air a bhith a' dol gu FTMG ann an sgìrean eile, ach tha duilgheadasan ann le sin is foghlam Gàidhlig ann an Glaschu a-nise cho làn is nach eil àite air a bhith ann dhan a h-uile pàiste a bha ga iarraidh.
Chaidh tagradh ùr a chur a-steach a thaobh Siorrachd Rinn Friù an Ear san Dàmhair an-uiridh ge-tà, is tha dòchas ann an turas seo gun tèid adhartas a dhèanamh.
"Tha còignear ann airson tòiseachadh ann an 2023 is tha sin a' ciallachadh gu bheil iad a-nise air a dhol air adhart dhan dàrna ìre, an làn-sgrùdadh, far am bi iad a' coimhead air cùisean ann am barrachd doimhneachd is feumaidh iad beachdan fhaighinn bho dhiofar bhuidhnean", mhìnich Magaidh Wentworth bho Chomann nam Pàrant Nàiseanta.
Fàs
Thuirt i gu bheil misneachd ann gun tigeadh fàs air foghlam Gàidhlig ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear às dèidh do dh'ionad a bhith air a stèidheachadh.
"Tha sinn cinnteach gu bheil iarrtas ann. Nuair a bhios sgoil a' fosgladh, thig barrachd dhaoine.
"Tha e doirbh nuair nach eil rudeigin ann. Tha thu a' bruidhinn ri teaghlaichean mu rud nach do thòisich agus chan eil fhios againn càite am bi e fhathast, dè an sgoil, is tha ceistean mar sin doirbh do phàrantan", thuirt i.
Tha dùil aig Bòrd na Gàidhlig coinneachadh ri Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear mun ghnothach an ath-sheachdain.
Dòchas
Dh'innis stiùiriche foghlaim a' Bhùird, Jim Whannel, gum faodadh ionad Gàidhlig a bhith san sgìre cho tràth ri am-bliadhna fhèin.
"Tha sinn an dòchas gum bi coinneamh ann an ath-sheachdain agus gum bi pròiseasan an uairsin a' dol air adhart", thuirt Mgr Whannel.
"Tha sinn a' dèanamh fiughair ri fiosrachadh fhaighinn mu dheidhinn phlanaichean aig Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear airson seirbheis ùir, a' tòiseachadh ann an 2022 no 2023.
"Tha dleastanasan airson foghlaim air ùghdarrasan ionadail is tha sinn ag obair ann an com-pàirteachas. Tha sinn a' toirt comhairle dhaibh mu dheidhinn deagh chleachdadh a thaobh foghlam tro Ghàidhlig", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh16 An t-Samhain 2021
- Air fhoillseachadh17 An t-Ògmhios 2021