Co-chomhairle air màl goirid am Bàideanach is Srath Spè

  • Air fhoillseachadh
Loch MhùrlaigTùs an deilbh, Maree NicNeacail

Tha co-chomhairle air tòiseachadh air plana 'son smachd fhaighinn air an àireimh de thaighean am Bàideanach is Srath Spè a thathas a' cur a-mach air màl airson ùine goirid.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd is Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh ag ràdh gu bheil "staing taigheadais" san sgìre.

Thuirt comhairlichean na sgìre gu bheil an àireamh de thaighean air màl goirid a-nise a' cuingealachadh na th' ann de dh'àiteachan-fuirich 'son muinntir an àite, a' cur phrìsean suas, agus a' toirt droch bhuaidh air coimhearsnachdan ionadail.

Le sgìre smachdachaidh, dh'fheumadh daoine cead-dealbhachaidh iarraidh 'son àite-fuirich a chur a-mach air màl goirid.

Bhiodh e comasach mar sin do mhuinntir an àite am pròiseas dealbhachaidh a chleachdadh 'son cur an aghaidh iarrtais taigh a chur a-mach air màl 'son ùine ghoirid do luchd-turais.

Leudachadh

Ma chuireas a' Chomhairle taic ris a' phlana air a' cheann thall, dh'fheumadh e an uairsin cead an Riaghaltais.

Nan tachradh sin, tha dùil gun rachadh an sgìre smachdachaidh a chur an sàs ro dheireadh 2022.

Gheibhear a' cho-chomhairle an seo, taobh a-muigh is bidh e fosgailte gu Diluain an 7mh den Mhàrt.

Tha comhairlichean ann am pàirtean eile den Ghàidhealtachd, an t-Eilean Sgitheanach nam measg, air a ràdh gum bu chòir coimhead ri barrachd sgìrean smachdachaidh san sgìre mas 's e gun soirbhich le plana Bhàideanach.

Chan eil am plana seo ceangailte ris an sgeama-ceadachaidh 'son àitichean-fuirich air màl ghoirid a tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt a-steach.