Sgeama-ceadachaidh air àitichean-fuirich san Damhair

  • Air fhoillseachadh
An t-Eilean Sgitheanach

Bidh aig ùghdarrasan ionadail uile ri sgeama-ceadachaidh 'son àitichean-fuirich air màl ghoirid a stèidheachadh ron Damhair is Pàrlamaid na h-Alba air taic a chur ri riaghailtean ùra.

Chaidh na riaghailtean ùra a chur air adhart is daoine air feadh na h-Alba air draghan a thogail mun bhuaidh aig na th' ann de dh'àitichean-fuirich air màl 'son ùine ghoirid air coimhearsnachdan.

Bhòt buill aig Holyrood 87 gu 33 airson nam planaichean.

Feumaidh gach comhairle ionadail a-nise siostam-ceadachaidh a dhealbh ron Damhair am-bliadhna.

Bidh feum aig gach àite-fuirich den leithid air cead fhaighinn ron 1mh den Iuchar 2024.

Bidh cosgais cead ann an làmhan gach ùghdarras fa leth.

Draghan

Thog cuid ann an gnìomhachas na turasachd dragh roimhe gun tig call mòr orra ri linn na sgeama.

Dh'innis a' bhuidheann SkyeConnect gum faodadh an t-Eilean Sgitheanach £100m a chall.

A' freagairt nan draghan sin, thuirt a' bhuidheann iomairt Misneachd gu bheil "cùis-eiginn" ann le taigheadas san Eilean agus gur e ceum cudromach air adhart a bhiodh ann an sgeama-ceadachaidh.

"Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach 's a tha àitichean-fuirich air màl ghoirid do thurasachd is luchd-obrach, is na buannachdan a th' ann do dhaoine leis a bheil na h-àiteachan sin, luchd-tadhail agus an eaconomaidh san fharsaingeachd", thuirt Rùnaire an Taigheadais, Shona Robison

"Nuair a thòisich sinn air seo ann an 2018 ge-tà, 's e freagairt a bh' ann do dhraghan nach beag a bha air nochdadh bho choimhearsnachdan air feadh na h-Alba mun bhuaidh air na sgìrean aca.

"Tha mi toilichte gu bheil sinn air tighinn air adhart le freagairt dha na draghan sin", thuirt i.