Ainm ùr air Colaisde a' Chaisteil
- Air fhoillseachadh

'S e UHI Innse Gall an t-ainm ùr a bhios air Colaisde a' Chaisteil.
Dh'innis a' cholaiste gun robh iad a' faireachdainn gun robh e iomchaidh ainm ùr a bhith aca is ùine mhòr bhon a bha ceangal aca ri Caisteal Leòdhais.
Thuirt iad cuideachd gu bheil iad ag obair air feadh nan Eilean Siar is gu bheil e cudromach gum bi ainm na buidhne a' sealltainn sin.
Tha làraichean aig Colaisde a' Chaisteil ann an Leòdhas, Barraigh, Uibhist a Tuath is Beinn nam Fadhla, agus bidh bhon Lùnastal cuideachd ann an Uibhist a Deas leis an leasachadh aig Cnoc Soilleir.
"Tha sinn air leth pròiseil à eachdraidh agus dualchas Colaisde a' Chaisteil, ach chan eil sinn air a bhith ag obair a-mach às a' chaisteal airson deicheadan de bhliadhnaichean", thuirt Prionnsabal Colaisde a' Chaisteil, Sue NicPhàrlain.
"Bidh e gu tric ag adhbhrachadh troimhe-chèile am measg an fheadhainn a tha a' compàirteachadh leinn aig ìrean oileanach, gnothachas agus luchd-ùidhe", thuirt i.
Rinn a' bhuidheann co-chomhairle is thuirt iad gun robh taic mhòr ann airson an t-ainm atharrachadh.
'S e UHI Innse Gall, no UHI Outer Hebrides sa Bheurla, a bhios air a' cholaiste bhon Ghiblean.
Atharrachadh
"Tha mise a' smaoineachadh gun robh làn-thìde ann coimhead ris an ainm oir thòisich a' cholaiste bho chionn faisg air 70 bliadhna anns a' chaisteal fhèin", thuirt Anna NicSuain, a tha na ball de Chaidreachas an UHI is a bha iomadh bliadhna cuideachd a' teagasg ann an Colaisde a' Chaisteil.
"Tha cùisean air atharrachadh gu mòr. An-diugh tha an caisteal na thaigh-òsta agus tha an taigh-tasgaidh ri thaobh. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil làn-thìde coimhead ri ainm a tha nas fharsainge.
"Tha Colaisde a' Chaisteil air a bhith a' cur ionadan air chois tro na h-eileanan air fad agus tha mi a' smaoineachadh gum bi e tòrr nas ciallaiche an tarraing ri chèile seach a bhith fo ainm caisteil", thuirt i.
Thog a' Bh-Ph. NicSuain ceist ge-tà, mu dè cho freagarrach 's a tha an t-ainm ùr sa Ghàidhlig.
"Innse Gall - tha sin a' ciallachadh Eileanan nan Srainnsearan. B' fheàrr leam fhìn Colaiste nan Eilean Siar a bhith mar ainm Gàidhlig air", thuirt i.
Tha Colaisde a' Chaisteil an-dràsta na pàirt de phlana gus colaiste ùr a chruthachadh le Colaisde a' Chaisteil, Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath agus Colaiste na Gàidhealtachd an Iar a thoirt còmhla.
Chan eil e follaiseach fhathast dè an t-ainm a bhios air a' cholaiste ùir no an cum gach colaiste fa leth ainm dhaibh fhèin.
Thuirt Sue NicPhàrlain gun robh iad air co-dhùnadh mar sin a dhol air adhart le ainm ùr aig an ìre seo a tha "iomchaidh agus dàimheil" airson gach coimhearsnachd air a bheil Colaisde a' Chaisteil a' frithealadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 An Dùbhlachd 2021