Co-chomhairle ùr mun Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh
Thòisich Riaghaltas na h-Alba co-chomhairle air na tha an dàn dhan Ghàidhlig 's do dh'Albais.
Bidh a' cho-chomhairle , taobh a-muigha' coimhead ri ro-innleachd ùr airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, am bu chòir sgìre no sgìrean "Gàidhealtachd" oifigeil a stèidheachadh, agus structar 's obair Bhòrd na Gàidhlig.
Thèid na beachdan a thig às a chleachdadh gus Bile nan Cànanan Albannach a leasachadh.
Anns a' phàipear a dh'fhoillsich an Riaghaltas Diciadain, tha iad ag ràdh gu bheil feum air poileasaidh ùr nàiseanta airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ma tha an cànan gus fàs mar a bu mhiann leotha.
Mar phàirt den seo, thuirt iad gum feumar dèanamh cinnteach gur e "dha-rìribh foghlam bogaidh" a th' ann am FTMG, le plana cuideachd an fharsaingeachd chuspairean a tha rim faighinn tron Ghàidhlig sa bhun-sgoil agus àrd-sgoil àrdachadh.
Tha am pàipear ag ràdh gum bithear ag amas air bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean ùra le FTMG a stèidheachadh air feadh na h-Alba, le barrachd airgid a chosg gus barrachd thidsearan a thrèanadh.
Thathas cuideachd a' gealltainn an tuilleadh taice airson e-Sgoil, Stòrlann, agus Sabhal Mòr Ostaig.
Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad 'son cluinntinn bho dhaoine mu na cnapan-starra a tha iad a' faicinn a thaobh FTMG is mar bu chòir dèiligeadh riutha.
"Gàidhealtachd"
Bha an SNP mar-thà air gealltainn sa mhanifesto taghaidh aca ann an 2021 coimhead ri inbhe oifigeil a thoirt do Ghàidhealtachd na h-Alba, stèidhichte gu ìre air modal nan Gaeltachtaí ann an Èirinn.
Tha a' cho-chomhairle a' coimhead ri sgìrean "far a bheil àireamh mhòr de luchd-labhairt agus tòrr a' tachairt a thaobh na Gàidhlig". Tha am pàipear ag ràdh gum biodh dùbhlain ann na sgìrean a chomharrachadh is co-dhùnadh a dhèanamh dè an cuibhreann den t-sluagh le Gàidhlig a bhiodh a dhìth gus inbhe Ghàidhealtachd a thoirt seachad.
Dh'fheumadh an uairsin meòrachadh, tha am pàipear ag ràdh, air na ceumanan a bhiodh ann gus a' Ghàidhlig a leasachadh anns na sgìrean seo:
am bu chòir FTMG a bhith ri fhaighinn anns gach sgoil?
am bu chòir poileasaidh dà-chànanach a bhith aig buidhnean?
taic coimhearsnachd airson na Gàidhlig?
gealltanasan bho bhuidhnean poblach is ùghdarrasan ionadail air mar a tha iad an dùil taic airson na Gàidhlig agus luchd-labhairt na Gàidhlig a leasachadh anns na sgìrean seo?
Tha am pàipear ag innse gum biodh ceist ann an gabhadh tuilleadh ghoireasan a stèidheachadh anns na sgìrean seo is mar a bhiodh seo air a riaghladh. Tha e ag ràdh gum bi ceist ann cuideachd air mar as urrainn rudan mar mhargaidh nan obraichean, slàinte, taigheadas, còmhdhail, comas-ceangail is eile taic a chumail ris a' Ghàidhlig, is a' bhuaidh a bhiodh ann an sin air poileasaidhean eile aig Riaghaltas na h-Alba.
Chan eil fiosrachadh mionaideach ann air càite am biodh sgìrean Gàidhealtachd, is am pàipear ag ràdh gum biodh argamaid ann cuideachd airson sgìrean far a bheil sgoiltean is aonadan Gàidhlig, rud a dh'fhaodadh a bhith a' ciallachadh gum biodh sgìrean ùra 'Gàidhealtachd' ann am bailtean na h-Alba. Tha a' cho-chomhairle ag ràdh gum biodh feum air beachdachadh air dè an taic a bhiodh ann dhan Ghàidhlig ann an sgìrean mar seo.
Bòrd na Gàidhlig
Thathas cuideachd a' sireadh bheachdan air obair agus structar Bhòrd na Gàidhlig.
Tha an Riaghaltas ag ràdh gun deach am Bòrd a stèidheachadh ann an 2005, agus gu bheil an t-àm ann ath-sgrùdadh a dhèanamh orra, agus measadh a dhèanamh a bheil am modal fhathast freagarrach airson na tha a dhìth air a' Ghàidhlig san là a th' ann.
A thuilleadh air seo, tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil iad airson cluinntinn bho dhaoine mu shiostam nam planaichean Gàidhlig.
Dh'innis am pàipear gu bheil adhartas air a bhith ann ach gur e cothrom a tha seo an siostam a neartachadh, air neo coimhead a bheil dòigh eile ann airson suidheachadh na Gàidhlig a leasachadh nas luaithe.
A bharrachd air a' Ghàidhlig, tha a cho-chomhairle a' sireadh bheachdan air mar a ghabhas Albais a leasachadh.
Thathas ag iarraidh air daoine beachdachadh air na buidhnean taice a th' ann a thaobh Albais mar-thà, mar a b'urrainn an neartachadh, is dè eile a ghabhas dèanamh airson taic a chumail ri Albais.
Dùinidh a' cho-chomhairle air an 17mh den t-Samhain.