"Fearg" mu ospadal Loch Abair

  • Air fhoillseachadh
Ospadal a' Bhelford

Nochd fearg às ùr ann an Loch Abar mun chlàr-ama airson ospadal ùr a thogail 'son na sgìre.

Thuirt an Dr Mìchael Foxley, a bha roimhe na cheannard air Comhairle na Gàidhealtachd is a tha air a bhith gu mòr an sàs san iomairt airson ospadail ùir, gur e briseadh-dùil mòr a th' ann nach eil dùil a-nise gum bi an goireas ùr deiseil gu 2028.

Tha seo dà bhliadhna nas fhaide na bha dùil.

Bha an Dr Foxley fhèin an sàs nuair a chaidh fearann a cheannach airson an leasachaidh ann an 2015.

Goireasan

Thuirt e gum bu chòir do dh'ospadal ùr a bhith na phrìomhachas do NHS na Gàidhealtachd is e ag ràdh nach eil Ospadal a' Bhelford aig ìre san là a th' ann.

"Tha seo gu math doirbh dhan choimhearsnachd is tha mòran againn an seo gu math feargach", thuirt an Dr Foxley.

"Tha an t-ospadal a th' ann 60 bliadhna a dh'aois is tha e a' frithealadh air 20,000 duine ann an Loch Abar. Tha roinn tubaist is èiginn glè thrang ann leis na th' ann de thubaistean rathaid is tubaistean anns na beanntan.

"Chan eil an roinn idir math gu leòr 'son an là a th' ann is chan eil goireasan san ospadal nas motha a thaobh sheirbheisean slàinte-inntinn, no seirbheisean do dhaoine le trioblaidean dibhe is drugaichean.

"Tha an luchd-obrach air leth ach chan eil na goireasan idir math gu leòr", thuirt e.

Dh'innis an Dr Foxley gun robh an caothach dearg air daoine ann an Loch Abar nuair a fhuair iad nach eil dùil ris an ospadal a-nise gu 2028.

Prìomhachas

Tha e a' fàgail air NHS na Gàidhealtachd gun deach bliadhnaichean seachad gun adhartas is nach eil na planaichean fhathast a' gluasad air adhart cho luath 's a bu chòir dhaibh.

Thuirt e gun deach ospadalan ùra a thogail san Àth-Leathann is san Aghaidh Mhòir san àm a bha ospadal ùr do Loch Abar ga dheasbad, is gum feum a' phròiseact a bhith na phrìomhachas dhan NHS.

Dh'innis Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil Riaghaltas na h-Alba air leigeil fhaicinn nach eil cinnt air taic-airgid ro 2026, ach gu bheil obair-dealbhachaidh is obair air plana-gnothachais a' leantainn air eagal is gun tig maoineachadh ron sin.

Thuirt iad gu bheil dùil gun toireadh e dà bhliadhna an t-ospadal ùr a thogail is gum fosgladh e as t-Earrach 2028.

Tha iad ag ràdh gu bheil ospadal ùr ann an Loch Abar na phrìomhachas dhaibh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo