'Co-dhùnaidhean ionadail' air cìs turasachd

  • Air fhoillseachadh
An t-Eilean Sgitheanach

Thuirt fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich gum bu chòir co-dhùnaidhean ionadail a bhith ann air mar a bhiodh airgead bho chìs turasachd air a chosg.

Tha deasbad air a bhith a' dol mun chùis is Riaghaltas na h-Alba air gealltainn reachdas a thoirt a-steach, taobh a-muigh a bheireadh cumhachdan do dh'ùghdarrasan ionadail cìs a chur air luchd-turais.

A' bruidhinn Diardaoin, thuirt Caidreachas Turasachd na h-Alba gum bu chòir airgead a thigeadh a-steach tro chìs turasachd a bhith air a chosg air a' ghnìomhachas fhèin.

Thuirt àrd-stiùiriche a' chaidreachais, Marc Crothall, gu bheil turasachd a' toirt tòrr airgid a-steach a dh'Alba is gum feum an gnìomhachas a dhìon.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd am measg na tha a' cur taic ri cìs turasachd.

A rèir a' chomairliche Sgitheanaich, Calum Rothach, tha e glè chudromach gum bi guth làidir aig coimhearsnachdan fhèin air mar a rachadh airgead bho chìs a chur gu feum.

Deamocrasaidh ionadail

"Bidh an còmhradh seo a' ruith ach 's e cìs ionadail a bhiodh ann co-dhiù agus bu chòir co-dhùnaidhean ionadail a bhith ann air ciamar a tha an t-airgead air a chosg.

"Tha airgead far a bheil e air a chosnadh is air a thogail gu bhith ga chosg chum maith nan coimhearsnachdan sin fhèin, agus bu chòir guth a bhith aig muinntir nan coimhearsnachdan sin air na prìomhachasan aca fhèin. Sin agad deamocrasaidh ionadail", thuirt e.

Ged a thuirt Caidreachas Turasachd na h-Alba nach bu chòir airgead na cìse a chosg ach air a' ghnìomhachas, thuirt an comhairliche Rothach gu bheil bun-structar glè chudromach do thurasachd.

"Mholainn fhèin bun-structar a bhiodh chum maith gnìomhachas na turasachd agus a' dèanamh an Eilein agus na Gàidhealtachd gu lèir nas tarraingaiche do luchd-turais", thuirt e.