Taigh-Cèilidh Steòrnabhaigh gus fosgladh
- Air fhoillseachadh

Teàrlach Wilson nuair a fhuair e iuchair an togalaich.
Tha là mòr san amharc aig Taigh-Cèilidh Steòrnabhaigh Disathairne is e gus fosgladh gu h-oifigeil.
Thòisich iomairt bho chionn cha mhòr dà bhliadhna airson àite-cruinneachaidh a stèidheachadh sa bhaile far am biodh prìomhachas aig a' Ghàidhlig.
'S e Teàrlach Wilson a tha air a chùlaibh is e ag ràdh gun do chuir e iongnadh air nuair a thàinig e a Steòrnabhagh an toiseach nach robh a' Ghàidhlig na b' fhollaisiche sa bhaile.
Chaidh faisg air £100,000 a thogail is fhuaireadh togalach air Sràid na h-Eaglaise as t-Samhradh. Bha an Taigh-Cèilidh fosgailte 'son treis aig an àm mar chafe 'pop-up'.
Chaidh obair-sgeadachaidh a dhèanamh bhon uairsin is tha e a-nise gus fosgladh gu ceart.
'S e feallsanachd stiùirichean an Taigh-Chèilidh gum bi prìomhachas aig a' Ghàidhlig sa h-uile càil a nì iad, is gheibhear sgillinn neo dhà far prìs cupa cofaidh neo teatha ma 's ann sa Ghàidhlig a dh'iarras tu e.
Tha Mgr Wilson ag ràdh gur e clach-mhìle mhòr a tha seo a-nise gu bheil an Taigh-Cèilidh gus fosgladh.
Earbsa
"Leis an fhirinn innse, seo mo bheatha a-nis", dh'innis e do BhBC Naidheachdan, is e air cuid den airgead aige fhèin a chur a-steach dhan ghnothach.
"Tha earbsa agam sa phròiseact agus gu dearbh tha mo chridhe ann cuideachd.
"Tha mi a' faireachdainn iomagaineach is tha mi an dòchas gun dèan seo a' chùis. Fhuair mi tòrr mholaidhean bho dhaoine is tha e coltach gu bheil daoine ag iarraidh àite mar seo sa bhaile", thuirt e.
Thathas ag amas gur e àite a bhios ann far an cluinn daoine a' Ghàidhlig ann an suidheachadh nàdarra is neo-fhoirmeil, is gum bi e a' tarraing luchd-ionnsachaidh a thuilleadh air feadhainn a tha fileanta sa chànan.
Tha dùil gum bi e cuideachd a' tàladh luchd-turais.
"Tha mi a' smaoineachadh, luchd-tadhail a tha a' dol a dh'àitichean air feadh an t-saoghail, tha iad a' lorg àite a tha sònraichte, àite far a bheil an cànan aca fhèin agus far a bheil an dualchas aca fhèin aca", thuirt Magaidh Nic a' Ghobhainn, a tha na stiùiriche air a' phròiseact.
"Tha sinn ann an deagh àite airson a bhith a' cur air adhart dualchas agus an eachdraidh agus a bhith a' toirt seachad a' chànain", thuirt i.
Fosglaidh an Taigh-Cèilidh aig meadhan-là Disathairne.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh14 An t-Iuchar 2022
- Air fhoillseachadh17 An Lùnastal 2021