Priomh dhuais do thè-ealain òg à Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Orla a' togail na ciad duais airson dealbhadairean Breatannach ann an Abu Dhabi
Choisinn Orla Ní Eadhra, 18, à Inbhir Nis a' chiad duais airson dealbhadairean bhon Rìoghachd Aonaichte aig farpais Junk Kouture ann an Abu Dhabi.
'S e farpais a th' ann do dhealbhadairean aodach a dhèanamh à stuthan ath-chuairtichte.
'S e Jump for Joy ainm an dreasa a rinn Orla à seann trampoline agus pàipearan suiteis agus chaidh a thaghadh mar thè de dheich bho fharpais na Rìoghachd Aonaichte.
Bha Orla agus na farpaisich Bhreatannach am measg 60 farpaiseach a fhuair troimhe gu cuirm cuairt dheireannaich na cruinne ann an Abu Dhabi a chaidh a chumail Diciadaoin.

Orla a' taisbeanadh an dreasa a bhuannaich duais dhi agus a dh'adhbhraich beagan de chonnspaid
Tha Orla a' dèanamh a slighe dhachaigh à Abu Dhabi Diaordaoin.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne air Radio nan Gàidheal, thuirt a h-athair, Brian, gun robh iad gu math moiteil aiste.
"Tha i cho toilichte sa ghabhas ach tha i cho sgìth, feumaidh mi a ràdh, agus bha i ag ràdh nach robh i ag ithe ro mhath. Feumaidh gun robh i gu math nearbhasach ro làimh ach tha i air a dòigh an-diugh."
Bha beagan connspaid mun dreasa agus a' mhaise-gnùis aig Orla ge-tà air an robh cumadh agus dathan na bogha-froise - suaicheantas a bhios a' choimhearsnachd LGBTQ a' cleachdadh.
Thuirt Brian: "Dà uair mus robh i gu bhith a' dol air an àrd-ùrlar thàinig teachdaireachd thuice gun do rinn ùghdarrasan Abu Dhabi co-dhùnadh nach robh an dreasa aice freagarrach airson na farpais leis gun robh nàdar de bhogha-frois air agus cuideachd air a' mhaise-ghnùis aice, agus gun robh aice ri sin atharrachadh mus deigheadh i air an àrd-ùrlar.
"Bha an sgioba troimh-chèile mun seo ach tha Orla fìor mhath air beulaibh rudan dùbhlanach mar seo agus dh'atharraich i an dreasa aice agus dh'atharraich i a' mhaise-gnùis aice, ach aig deireadh na cùise bhuannaich i co-dhiù."
Thuirt Brian nach e co-dhùnadh an fheadhainn air cùl Junk Kouture a bha seo idir agus gun robh iad fhèin a' cheart cho mì-thoilichte le seasamh ùghdarrasan Abu Dhabi.

Orla agus an seann thidsear ealain aice Laura Quinn a shiubhail còmhla rithe gu Abu Dhabi
Còmhla ri Orla ann an Abu Dhabi bha a caraid Elissa Hunter-Dorans agus Laura Quinn, tidsear ealain bho Acadamaidh Rioghail Inbhir Nis, far an d'fhuair Orla foghlam àrd-sgoile.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 Am Faoilleach 2023